Søren Kierkegaard
B' e feallsanach agus sgrìobhaiche Danmhairgeach a bh' ann an Søren Aabye Kierkegaard (5 an Cèitean 1813–11 an t-Samhain 1855). Rugadh e ann an Copenhagen (Dànais: København) is bha e na oileanach aig Oilthigh Chopenhagen far an do sgrìobh e a theusais, Om Begrebet Ironi med stadigt Hensyn til Socrates (Mu choincheap ìorantas le iomradh leantannach air Socrates), anns a' Dhànais is dh'fheum e athchuinge dhan Rìgh a thoirt gus ga sgrìobhadh anns a' chànan siud. Dh'fheuch e an deuchainn anns an Laideann. Bha ìorantas cudromach anns an obair aige is sgrìobh e fo fhar-ainmean is le bheachdan an aghaidh a chèile.[1]
B' e esan aon de na daoine iomraiteach de Linn Òrach na Danmhairge a bh' ann, còmhla ri Adam Oehlenschläger (bàrd), N. F. S. Grundtvig (sgrìobhadair), Hans Christian Andersen (sgrìobhadair), agus Bertel Thorvaldsen (cruth-ealantair).
Buaidh KhierkegaardDeasaich
Ann an saoghal na Gàidhlig, dhrùidh beachdan Khierkegaard air Iain Mac a' Ghobhainn.[2]
IomraidheanDeasaich
- ↑ McDonald, William (10mh dhen t-Samhain 2017): “Søren Kierkegaard”, ann an: Zalta, Edward N.: The Stanford Encyclopedia of Philosophy (Winter 2017 Edition). Air a thogail 5mh dhen Chèitean 2018.
- ↑ Bateman, Meg (2013): “Iain Mac a' Ghobhainn agus Kierkegaard”, ann an: Niall O'Gallagher is Pàdraig MacAoidh: Sùil air an t-Saoghal: buaidhean eadar-nàiseanta air sgrìobhadh sa Ghàidhlig. Slèite: Clò Ostaig.
Leabhar-chlàrDeasaich
- Enten-Eller (Nas Motha - Air No), 1843.
- Frygt og Bæven (Eagal is Crith), 1843.
- Sygdommen til døden (Galar gus a' bhàis), 1849.
TùsanDeasaich
- Iain Mac a' Ghobhainn. "Søren Kierkegaard". Gairm 41, Am Foghar 1962.