Hannah Arendt
B' e Neach-teòiridh poileataigeach, feallsanaiche agus sgrìobhadair Gearmailteach-Aimearaganach a bh' ann an Hannah Arendt (IPA: ˈaːʁənt, Hànobhar, 14 an Dàmhair 1906 - Eabhraig Nuadh, 4 an Dùbhlachd 1975.[1] Bhuinneadh i do theaghlach Iùdhach bùirdeasach neo-eaglaiseach a ghabhadh ris an SPD. Thogadh i ann an Hànobhar agus Königsberg. Fhuair i a cuid foghlaim aig Oilthigh Mharburg fo Mhartin Heidegger agus an uair sin rinn i dotaireachd aig Oilthigh Heidelberg fo Karl Jaspers. B' fheudar dhi A'Ghearmailt fhàgail ann an 1933 agus na Nàsaich ga mùchadh is ga chur sa phrìosain. Chuir i seachad bliadhnaichean na fògarrach anns an t-Seic-Slòbhac, An Eilbheis, Paris agus - mu dheireadh thall - sna Stàitean.[2] Chaochail i le greim-cridhe ann an Eabhraig Nuadh an an 1975. B' e an leabhar Eichmann in Jerusalem - mu Chùis-lagha Adolf Eichmann - a bh' anns a' phìos sgrìobhaidh na bu chonnspaidiche a sgrìobh i a-riamh. B' ann mu cho àbhaisteach 's a bha duine olc a bha an leabhar. Cuideachd sgrìobh i mu dheachdaireachdan. Mar a thuirt i Chan eil cead aig duine sam bith ghèilltinn.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Allen, Wayne F. (1 an t-Iuchar 1982). "Hannah Arendt: existential phenomenology and political freedom". Philosophy & Social Criticism. 9 (2): 170–190. doi:10.1177/019145378200900203. S2CID 145329906.
- ↑ Betz, Joseph (1992). "An Introduction to the Thought of Hannah Arendt". Transactions of the Charles S. Peirce Society. 28 (3): 379–422.
- ↑ Mahony, Deirdre Lauren (2018). Hannah Arendt's Ethics. Bloomsbury Publishing. ISBN 978-1-350-03416-7.