Co-chomharran: 56°32′10″N 4°35′20″W / 56.536030°N 4.588888°W / 56.536030; -4.588888

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Lìobhann (Beurla: Loch Lyon).[1][2] Tha e suidhichte ann an Gleann Lìomhann ann am Mòinteach Raineach, a' Ghàidhealtachd agus ann an Siorrachd Pheairt cuideachd.

Loch Lìomhann
An dama aig Loch Lìomhann
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Lìobhann
Suidheachadh Loch Lìobhann air a' Ghàidhealtachd

A rèir suirbhidh ann an 1902 bha an loch mu 1.75 mìle (2.8 km) a dh'fhad agus bha an leud aige beagan na bu mhotha na 440 slat (402 m) aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd bha e mu 352 slat (321 m) a leud. Bha Loch Lìomhann cho mòr ri 236 acair agus bha an àrainn drèanaidh aige beagan na bu motha na 1o mìle ceàrnagach (26 km²). B' e 45 troigh (13.7 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 100 troigh (30.48 m) aig an àite a bu doimhne.[3] Ann an 1902 bha bàrr uisge an locha mu 1050 troigh (320 meatair) os cionn na mara.

Leis a' phròiseact "Neart nan Gleann" chaidh dama a thogail aig ceann an ear an locha agus dh'fhàs an loch na bu mhotha an uair sin. Tha an dama mu 39 m a dh'àird agus mu 530 m a leud agus chaidh bàrr uisge an locha a thogail mu 21 m. Tha Loch Lìomhann na phàirt den Breadalbane Hydro-Electric Scheme . Tha stèisean-cumhachd dealan-uisgeach ann an Lubreoch. Gheibhear mu 4 megawatt, 's e sin 16 million units, a-mach às an stèisean-cumhachd seo. [4]

Thèid an loch a lìonadh le mòran aibhnichean, tha Allt a' Chùirn agus Abhainn Ghlas san iar-dheas agus tha Allt Fionn a' Ghlinne, Allt Sheasgarnaich, Allt Airidh a' Phuill is Allt Chall a' sruthach don loch a-steach bhon deas. San iar thig uisge tro Allt Cailliche agus tha Eas Eoghannan sa tuath dheth.

Iomraidhean

deasaich
  1. Stòr-dàta Briathrachais
  2. Loch Lìobhann/Loch Lyon. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25 dhen Mhàrt 2017.
  3. Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 72-74, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
  4. Neart nan Gleann. Faidhle PDF td 23, Scottish Hydro Electric (Beurla)

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: