Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar
'S e tè de na sgìrean phàrlamaid Westminster na h-Alba a tha ann ann Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar.
Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Aonghas Dòmhnallach |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 77,027 |
Mòr-chuid | 2,160 |
A' chiad taghadh | 2024 |
Chaidh a chruthachadh airson taghadh Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte 2024 is i ann an crìoch ri Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear, Moireibh an Iar, Inbhir Narann agus Srath Spè, Aonghas agus Glinn Siorrachd Pheairt is Earra-Ghàidheal, Bòd agus Loch Abar a Deas.[1]
Am measg nan tagraichean airson an taghaidh ann an 2024 bha Drew Hendry a riochdaich Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè airson nan Nàiseantach eadar 2015 agus 2024 agus Angus MacDonald airson nan Lib-Deamach.[2] Stèidhich Mgr Dòmhnallach an Highland Cinema anns a' Ghearasdan agus 's ann aige a tha an Highland Bookshop anns an aon baile. Sgrìobh e trì nobhailean mu dhèidhinn Àrdnais.[3]
Bhuannaich an Dòmhnallach ach cha do ghairm na h-ùghdarrasan Dihaoine na toraidhean is a h-uile duine fhathast na dhùisg aig 9 uairean sa mhadainn.[4]
Toraidhean
deasaichTaghadh | Ball | Pàrtaidh | Bhotaichean | Mòr-chuid | Iomradh |
---|---|---|---|---|---|
2024 | Angus MacDonald | Libearal Deamocratach | 18,159 | 2160 | [5] |
Faic cuideachd
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ “2023 Review of UK Parliament Constituencies”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2024.
- ↑ “An Taghadh: Tagraichean Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach is Ros an Iar”. Naidheachdan a' BhBC. Air a thogail 8mh dhen Ògmhios 2024.
- ↑ “Angus MacDonald”. Birlinn Ltd. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2024.
- ↑ “An Taghadh”, Naidheachdan a' BhBC. 7mh dhen Iuchar 2024.
- ↑ “Aonghas Dòmhnallach air a thaghadh”, Naidheachdan a' BhBC. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2024.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- “An Taghadh: Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar”, Naidheachdan a' BhBC. 17mh dhen Ògmhios 2024. Air a thogail 17mh dhen Ògmhios 2024.