Tulach Cultraidh
Ochil Street, Tillicoultry - geograph.org.uk - 342638.jpg
Sràid Ochail, Tulach Cultraidh
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Co-chomharran 56° 09′ T
3° 44′ I
Feartan fiosaigeach

'S e baile ann an Siorrachd Chlach Mhanainn a tha ann an Tulach Cultraidh[1] (Beurla: Tillicoultry). Tha e suidhichte aig bun Mhonadh Ochail, an tuath air Devonside agus Abhainn Devon, eadar Alamhagh Beag gu taobh an iar is Dolair gu taobh an ear. Aig àm a' chunntais-sluaigh ann an 2001 bha 5,400 daoine a' fuireach ann, 0.81% dhiubh a' bruidhinn Gàidhlig.[2] Tha Crèvecœur-le-Grand anns an Fhraing na bhaile co-cheangailte ris.

IomraidheanDeasaich

  1. Tillicoultry - Tulach Cultraidh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Iuchar 2020.
  2. SCROL (Scotland's Census Results OnLine)