Earra-Ghàidheal, Bòd agus Loch Abar a Deas

sgìrean phàrlamaid Westminster na h-Alba

'S e tè de na sgìrean phàrlamaid Westminster na h-Alba a tha ann an Earra-Ghàidheal, Bòd agus Loch Abar a Deas.

Earra-Ghàidheal, Bòd agus Loch Abar a Deas
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Westminster
Ball Brendan O'Hara
Pàrtaidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Luchd-bhòtaidh 71,756[1]
Mòr-chuid 6,232
A' chiad taghadh 2024

Chaidh a chruthachadh ann an 2023 o Earra-Ghàidheal agus Bòd air fad agus ionadan ann an ceann a deas Ros, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar, leithid Gleann Comhann, Baile a' Chaolais, An Corran, Àird Ghobhar, Àird nam Murchan, Àth Tharracail agus Loch Àlainn.

Tha i ann an crìoch ri Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar, Aonghas agus Glinn Siorrachd Pheairt, Sruighlea agus Srath Ailein is Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar.[2]

Bha Brendan O'Hara a bha roimhe na BhP airson Earra-Ghàidheil agus Bòid am measg nan tagraichean airson na sgìre ùr[3] agus bhuannaich e is a mhòr-chuid nas motha de 6232.[4]

Toraidhean

deasaich
Taghadh Ball Pàrtaidh Mòr-chuid
2024 Brendan O'Hara Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 6232

Iomraidhean

deasaich
  1. Argyll, Bute and South Lochaber - Election results 2024”, BBC News. Air a thogail 9mh dhen Iuchar 2024. 
  2. Boundary Maps”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2024.
  3. An Taghadh: Tagraichean Earra-Ghàidheal, Bòd agus Loch Abar a Deas”, Naidheachdan a' BhBC. 10mh dhen Ògmhios 2024. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2024. 
  4. SNP a' glèidheadh Earra-Ghàidheal”, Naidheachdan a' BhBC. 5mh dhen Iuchar 2024. Air a thogail 9mh dhen Iuchar 2024.