Andalusia
Andalucía
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Sevilla
Roinnean
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 87,268 km²
Àireamh-shluaigh 8,402,305 (2008)
Dlùths 96.28/km²
LTD 143587
Stèidhichte 30 an Dùbhlachd 1981
Duilleag oifigeil http://www.juntadeandalucia.es/index.html

'S e fear de na ceàrnaidhean as motha anns an Spàinn a tha ann an Andalusia (Spàinntis: Andalucía). Thàinig an t-ainm bhon fhacal Al-Andalus, b' e sin an t-ainm a bha air eadar 711 agus 1492. Tha e suidhichte ann an ceann an iar-dheas na dùthcha. Tha a' Phortagail agus an Cuan Siar san àird an iar dheth. Tha am Muir Meadhanach san àird an ear agus tha Giobraltair san àird a deas Andalusia. 'S e Andalusia an ceangal nàdarra eadar Afraga agus an Roinn-Eòrpa. 'S e Andalucia an dàrna cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 87,268 cilemeatair ceàrnagach. Anns a' bhliadhna 2007 bha 8,059,431 duine de shluagh ann, le dluths aig àireamh 91.39 duine gach km². Tha trì puirt-adhair eadar-nàiseanta ann (Almería, Málaga is Sevilla). Cuideachd tha port-adhair nàiseanta ann an Granada agus Jerez.Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Junta de Andalucia. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige. Tha ochd sgìrean ann an Andalusia.

Sgìre Prìomh-bhaile Àireamh-shluaigh Dlùths
Almería Almería 635,850 72.5 d./km²
Cádiz Cádiz 1,180,817 158.8 d./km²
Córdoba Córdoba 788,287 72.4 d./km²
Granada Granada 882,184 68.7 d./km²
Huelva Huelva 483,792 47.7 d./km²
Jaén Jaén 662,751 49.1 d./km²
Málaga Málaga 1,491,287 204.1 d./km²
Sevilla Sevilla 1,813,908 129.2 d./km²

Tha cruth na tìre gu math eadar-dhealaichte an seo. Tha monaidhean àrda ann a tha còmhdaichte ann an sneachda fad na bliadhna. Ach tha oir-thìrean tropaigeach, coilltean tais agus fàsaichean ann cuideachd, m.e.: am Fàsach Thabernas, a tha suidhichte anns an sgìre Almería.

Bailtean

deasaich

Togalichean Eachdraidheil

deasaich
 
Medina Azahara ann an Córdoba.
 
Alhambra, ann an Granada.

Tha mòran togalaichean eachdraidheil ann an Andalusia, mar eisimpleir:

  • El Torcal ann an Antequera
  • Medina Azahara is Mezquita ann an Córdoba
  • Alhambra, Palace of Charles V is Albayzín ann an Granada
  • Alcazaba is El Tajo ann am Malaga
  • La Giralda, Torre del Oro, Plaza de España, Àrd Eaglais Sheville is Alcázar ann an Seville
  • Vázquez de Molina Square ann an Úbeda (Jaén)

Ceanglaichean a-muigh

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: