Córdoba
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Córdoba
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 13,771 km²
Àireamh-shluaigh 805,857 (2014)
Dlùths 58.52/km²
Àireamh fòn + (957)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Córdoba (IPA: korðoβa). Tha e na laighe ann an Andalusia, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Córdoba a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Córdoba fad 13,771km²[3] agus tha 805,857 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 13mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 19mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Badajoz, Ciudad Real, Jaén, Granada, Málaga agus Sevilla.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm deasaich

‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à Qorteba (Gàidhlig: muileann) no Qart-tuba (Gàidhlig: Baile Math) ann am Foinìsis a th’ ann an t-aimn.[6] A bharrachd air sin, tha an t-iar-leasachan Tartesianais -oba no –uba gu ìre mhath cumanta ann an ceann a deas na Spàinne.[7] Sgrìobhadh قرطبة ann an Arabais, a thug Córdoba dhuinn an latha an-diugh.Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Cruinn-eòlas deasaich

Tha iadhtag ann, a bhuineas do Chórdoba, thall air an àirde an iar-dheas na roinne, ann an Sevilla. 'S e Villar an t-ainm a tha air.[8] 'S e adhbharan laghail agus poileataigeach a tha as coireach gu bheil e na aite fa leth air. Chan eil ach 546 duine a' fuireach ann.

Bailtean deasaich

Daoine Ainmeil deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Ramírez y de las Casa-Deza, Luis María, 1867, Indicador cordobés, ó sea Manual histórico-topográfico de la ciudad de Córdoba, Imprenta, librería y litografía del Diario de Córdoba
  7. Schulten, Adolf. Tartessos. Contribución a la historia más antigua de Occidente. Editorial Almuzara. ISBN 84-88586-66-3
  8. Todo Pueblos