Jaén
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Jaén
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 13,496 km²
Àireamh-shluaigh 670,600 (2014)
Dlùths 49.69/km²
Àireamh fòn + (953)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Jaén (IPA: xaˈen). Tha e na laighe ann an Andalusia, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Jaén a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Jaén fad 13,496km²[3] agus tha 670,600 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 14mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 25mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Albacete, Ciudad Real, Córdoba agus Granada.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

deasaich

‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à Villa Gaiena ann an Laideann a tha an t-ainm, ged a bhìte a’ chleachadh an ainm Auringis airson a’ bhaile fhèin aig àm nan Ròmanch.[6] A dh’aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à جيان (Jayyān) ann an Arabais a tha e. Tha teòiridh eile ann a tha ag ràdh gur ann à Dayan no (britheamh) ann an Eabhra a thàinig an t-ainm.[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Eaconomaidh

deasaich

'S ann crochte air àiteachas a tha eaconomaidh na roinne, gu seachd-àraidh dearc-ola airson ola-chroinn-ola a dheànamh. Thathar a' deànamh 1,015,697 tunna fad 550,000ha gach bliadhna - 25% fearann na Spàinne agus 42% Andalusia.[8] 'S e 50% dhe na dearcan-ola na dùthcha a tha gam fàs anns an roinn seo.

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Cortés y López, Miguel (1835). Diccionario geográfico-histórico de la España antigua, Tarraconense, Bética y Lusitana: con la correspondencia de sus regiones, ciudades, montes, ríos, caminos, puertos e islas a las conocidas en nuestros días. Imprenta Real, Madrid. p. 169 - Tomo I. OCLC 645251138.
  7. Galmés de la Fuente, Álvaro (2000). Real Academia de Historia (Madrid), ed. Los topónimos: sus blasones y trofeos (la toponimia mítica)». p. 62.
  8. Ministerio de Agricultura, Alimentación y Medio Ambiente