Prionnsachd Asturias
Prionnsachd Asturias
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Oviedo City (en) | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 10,604 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,084,109 (2014) | ||||
Dlùths | 102.24/km² | ||||
Àireamh fòn | + (98) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha ann Prionnnsachd Asturias (Spàinntis: Principado de Asturias, Asturianais: Principáu d'Asturies, Fala: Principao d'Asturias). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Oviedo a th' ann prìomh-bhaile na roinne agus tha port-adhair ann siud cuideachd, mi-shlighe eadar Oviedo, Avilés agus Gijón.[1] 'S e Asturias an 10mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 10,604 cilemeatair ceàrnagach, 2.1% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2010 bha 1,084,109 duine de shluagh ann,[2] le dlùths aig àireamh 102.24 duine gach km². Tha Spàinntis agus Fala (no Asturianais) gam bruidhinn ann an Asturias. Tha Asturias aon-roinneil. Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Junta General de Asturias. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige.[3] Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha an Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[4]
Freumhan an ainm
deasaich‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Anns an Spàinn tha mòran dhen bheachd gur ann à Etura (Gàidhlig: abhainn) ann an t-seann cheiltis a th’ ann an t-aimn. Thathar a' cantainn gu bheil sin ann an co-dhàimh le ster ann an agus sruth anns a' Ghàidhlig. A bharrachd air sin, tha cruth na tìre san sgìre a' gabhail ris an teòiridh. Tha àite eile ann an Sasainn air a bheil Stour. 'S ann à Ceiltis a tha mòran nan àinmean-àite san sgìre.[5]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Verdenorte
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Junta General de Asturias
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Studies in Baltic and Indo-European Linguistics, Baldi P., Dini P., John Benjamins BV, Amsterdam, 2004
Ceangal a-muigh
deasaichAndalusia • Aragón • Asturias • Na h-Eileanan Balèarach • Na h-Eileanan Canàrach • Cantàbria • Castilla-La Mancha • Castilla y León • Catalòinia • Co-chomann València • Dùthaich nam Basgach • Extremadura • A' Ghàilis • Madrid • Melilla • Murcia • Nafarroa • La Rioja • Ceuta