Cádiz
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Cádiz
Sgìre Andalusia
Co-chomharran 36° 32' Tuath
06° 17' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 13.33 km²
Àireamh-shluaigh 125,826 (2010)
Dlùths 9,439.31/km²
Àireamh fòn + 00 956
Duilleag oifigeil http://www.cadiz.es

‘S e baile mòr agus port uabhasach cudromach ann an ceann a deas na Spàinne a th’ ann Cádiz (IPA: kaðiθ neo kaðis). Chaidh am baile a stèidheachadh leis na Phoenicianaich o chionn 3,000 bliadhna is ‘s e Cádiz am baile as sine air an àirde an iar-dheas na Roinn-Eòrpa.[1] Tha e suidhichte aig dìreach 11m os cionn ìre na mara, ri taobh a’ Bhàigh Cádiz.[2] Tha Cádiz 480km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha agus 98km bho Shevilla.[3] Tha am baile air an àirde an ear-dheas Andalusia. Tha 125,826 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[4] an 10mh baile as motha na h-Andalusia agus an 51mh baile na Spàinne.[5]

Freumhan an ainm

deasaich

Tha luchd-rannsachaidh uile dhen bheachd gur ann gdr ann am Foinìsis a tha an t-ainm, agus gu bheil sin a’ ciallachadh dùn no caisteal.[6] Mar sin, tha an t-ainm Cádiz coltach ri Agadir, thall ann am Maroco. Bhathar a’ cleachdadh trì ainmean eadar-dhealaichte ann an Greugais: ἡ Γαδείρα (Gadeíra), Γήδειρα (Gẽdeira) agus τὰ Γάδειρα (Gádeira). Chaidh sin atharrachadh gu ann an Arabais a thug Cádiz dhuinn an an Spàinntis an latha an-diugh.

Eachdraidh

deasaich

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8]

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. El País
  2. Mancomunidad de la bahía de Cádiz
  3. Distance Calculator
  4. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  5. Bailtean na Cruinne
  6. J. Sanmartín (1994). «Toponimia y antroponimia: fuentes para el estudio de la cultura púnica en España». En A. González Blanco; J.L. Cunchillos Ilarri; M. Molina Martos. El mundo púnico: historia, sociedad y cultura. Murcia: Consejería de Cultura y Educación. Región de Murcia. pp. 227–250. ISBN 84-7564-160-1.
  7. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  8. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1

Ceanglaichean A-mach

deasaich