La Rioja
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Logroño
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 5,045 km²
Àireamh-shluaigh 308,968 (2014)
Dlùths 61.24/km²
Àireamh fòn + (977)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha ann La Rioja (IPA: la ri'oxa). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Logroño a th'ann prìomh-bhaile na roinne agus tha port-adhair ann siud cuideachd. Tha La Rioja aon-roinneil. 'S e La Rioja an 16mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 5,045 cilemeatair ceàrnagach, 1% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2009 bha 308,968 duine de shluagh ann,[1] le dluths aig àireamh 16.01 duine gach km². ‘S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn ann an La Rioja. Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Parlamento de La Rioja. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige.[2]

Freumhan an ainm deasaich

‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir ach tha a' mhòr-chuid nan luchd-rannschaidh dhen bheach gur ann à facal air choireigin ann am Basgais: Tha Dùthaich nam Basgach faisg air làimh. Thuirt José Luis Álvarez Enparantza nach robh alt ann idir ach facal slàn à larre (Gàidhlig: sgìre dhùthchail) agus ola (Gàidhlig: àite-obrach). Rinn esan bunachadh cuideachd: Larreola → Larreoha → Larreoja → Larrioja.[3] Bha Mateo Anguiano Nieva dhen bheachd gur ann à herri (Gàidhlig: dùthaich) agus ogi (Gàidhlig: aran) a tha an t-ainm, ged nach eil ach glè bheag de dhaoine a' gabhail ri sin an latha an-diugh. Tha an treas teòiridh - a rèir Merino Urrutia[4] - a' cantainn gu bheil an t-ainm a' ciallachadh coille, bho oia.

Ceangal a-muigh deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  2. Parlamento de La Rioja
  3. Euskal fonologia, Álvarez Enparantza J.P., Ediciones Vascas, 1980
  4. Merino Urrutia