Almería
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Almería
Sgìre Andalusia
Co-chomharran 36° 50' 24 Tuath
02° 28′ 03 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 296.21 km²
Àireamh-shluaigh 190,013 (2010)
Dlùths 641.48/km²
Àireamh fòn + 00 950
Duilleag oifigeil http://www.aytoalmeria.es/

‘S e baile mòr agus port ann an ceann a deas na Spàinne a th’ ann Almería (IPA: 'almeˈɾi:a). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 955 le Abd-ar-Rahman III. Tha e suidhichte aig ìre na mara, ri taobh Mara Mheadhanach,[1] aig beul na na h-aibhne Andarax,[2] 410km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha agus 319km bho Shevilla.[3] Tha Almería air an àirde an ear-dheas Andalusia. Tha 190,013 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[4] an 6mh baile as motha na h-Andalusia agus an 31mh baile na Spàinne.[5]

Freumhan an ainm

deasaich

Tha luchd-rannsachaidh uile dhen bheachd gur ann à المرية (Al-Mari'yah) ann an Arabais a tha an t-ainm, agus gu bheil sin a’ ciallachadh Tùr na faire.[6] Thogadh an t-seann bhaile shuas air bàrr cnuic gu math àrd os cionn a' phort, rud a bheir cuideam dhan teòiridh seo. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à المرية ach gu bheil sin a’ ciallachadh Sgàthan na Mara.[7]

Eachdraidh

deasaich

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[8]

Cruinn-eòlas

deasaich

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Almería.[9] Cha thuit ach 200mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 973mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[10] - leis gur e àite gu math tioram a th' ann.

 

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Lunar and Planetary Institute
  2. Superstock[dead link]
  3. Distance Calculator
  4. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  5. Bailtean na Cruinne
  6. Spain Info
  7. Tapia Garrido, José Ángel: Historia general de Almería y su provincia, Almería: Cajalmería, 1991. ISBN 84-505-9623-8
  8. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  9. Aemet
  10. Oifis na Sìde

Ceanglaichean A-mach

deasaich