Granada
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Granada
Sgìre Andalusia
Co-chomharran 37° 10' 41 Tuath
03° 36' 03 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 88 km²
Àireamh-shluaigh 237,929 (2009)
Dlùths 2,703.74/km²
Àireamh fòn + 00 958
Duilleag oifigeil http://www.granada.org

‘S e baile mòr ann an ceann a deas na Spàinne a th’ ann an Granada (IPA: ' ɡɾa'naða). Tha e suidhichte aig 658m os cionn ìre na mara,[1] aig inbhir na h-aibhnichean Beiro, Darro agus Genil.[2] Tha Granada 367km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha agus 211km bho Shevilla.[3] Tha am baile air an àirde an ear-dheas Andalusia. Tha 237,929 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[4] an treas baile as motha ann an Andalusia agus an 19mh baile as motha na Spàinne. [5]

Freumhan an ainm

deasaich

Chan eil freumh-fhaclachd an ainm soilleir. Tha e coltach gur ann à Gar-anat (Gàidhlig: Cnoc na Luchd-taistealachd) ann an Arabais a tha an t-ainm. A dh' aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Garnatum ann an Laideann agus gu bheil sin a’ ciallachadh ruadh no gràn-ubhal:[6] Tha gràn-ubhal air seula a' bhaile agus tha ùir ruadh pailt san sgìre.

Eachdraidh

deasaich

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936,[8] ged a bha an corr dhen roinne dealas dhan Phoblachd.

Cruinn-eòlas

deasaich

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Granada.[9] Cha tuit ach 365mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 807mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite àrd tioram a th' annː

 

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Mongabay
  2. Universidad de Granada
  3. Distance Calculator
  4. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  5. Bailtean na Cruinne
  6. Nueva Acropolis
  7. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  8. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
  9. Aemet
  10. SisterCities

Ceanglaichean A-mach

deasaich