Cantàbria
'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha ann Cantàbria (IPA: kan'taβɾja). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Santander a th'ann prìomh-bhaile na roinne agus tha port-adhair ann siud cuideachd.[1] Tha Cantàbria aon-roinneil. 'S e Cantabria an 15mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 5,321 cilemeatair ceàrnagach, 1.27% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2009 bha 591,886 duine de shluagh ann,[2] le dlùths aig àireamh 111.2 duine gach km². ‘S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn ann an Cantabria. Tha i na coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Parlamento de Cantabria. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige.[3] Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha an Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[4]
Cantàbria Cantabria | |
---|---|
![]() Bratach |
![]() Gearradh-arm |
![]() | |
Laoidh Nàiseanta | |
Himno a la Montaña (Spàinntis) "Laoidh na Beinne" | |
Cànan(an) oifigeil | Spàinntis |
Prìomh-bhaile | Santander |
Ceann-suidhe | Ignacio Diego |
Stèidheachadh | |
fèin-riaghlach | 11 am Faoilleach 1982 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 5,321 km² |
Àireamh-shluaigh (2010) | |
Iomlan | 592,250 |
Dlùths | 111,2/km² |
Freumhan an ainmDeasaich
‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Anns an Spàinn tha mòran dhen bheachd - Joaquín González Echegaray nam measg[5] - gur ann à Kanto (Gàidhlig: clach) agus an t-iar-leaschanabr ann an t-seann cheiltis a th’ ann an t-aimn. Bheireadh sin Carraig dhuinn sa Ghàidhlig.[6] Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Canto (Gàidhlig: iomall)[7] leis gu bheil an sgìre faisg air a' mhuir. Bha àite eile ann am Breatainn air an robh Cantium. 'S ann à Ceiltis a tha mòran nan àinmean-àite san sgìre.[8]
Cruinn-eòlasDeasaich
Tha iadhtag ann, a bhuineas do Chantàbria, ann an ceann a tuath na roinne a-muigh Bizkaia. 'S e Valle de Villaverde an t-ainm a tha air.[9] Tha e na aite fa leth air sàilleabh gu bheil sliabh ann eadar an iadhtag sin agus an còrr dhen roinn. Chan eil ach 336 duine a' fuireach ann.
IomraidheanDeasaich
- ↑ Verdenorte
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Parlamento de Cantabria
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ González Echegaray, Joaquín (1993). Editorial Estudio, ed. Los Cántabros, Santander, ISBN 84-87934-23-4.
- ↑ Tovar, Cantabria prerromana, 18; J.M. Solana Sáinz, Los cántabros y la ciudad de Iuliobriga, Santander, 1981
- ↑ D.E. Evans, “Some Celtic forms in cant-”, Bulletin of the Board of Celtic Studies 27, 197678, 243-245; A.L.F. Rivet and C. Smith, The place names of Roman Britain, Lunnainn, 1979, 298299.
- ↑ Linguistic Strata in Ancient Cantabria: The Evidence of Toponyms, CURCHIN L. A., University of Waterloo, Canada
- ↑ Cantarbria 102 Municipios
Ceangal a-muighDeasaich
Andalusia • Aragón • Asturias • Na h-Eileanan Balèarach • Na h-Eileanan Canàrach • Cantàbria • Castilla-La Mancha • Castilla y León • Catalòinia • Co-chomann València • Dùthaich nam Basgach • Extremadura • A' Ghàilis • Madrid • Melilla • Murcia • Nafarroa • La Rioja • Ceuta