Almería (provincia)
Almería
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Almería | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 8,775 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 702,819 (2014) | ||||
Dlùths | 80.09/km² | ||||
Àireamh fòn | + (950) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Almería (IPA: almeˈɾi.a no aɾmeˈɾi.a, al-). Tha e na laighe ann an Andalusia, air an àirde an ear-dheas na dùthcha. 'S e Almería a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Almería fad 8,775km²[3] agus tha 702,819 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 27mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 23mh tè a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Granada agus Murcia.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
deasaichTha luchd-rannsachaidh uile dhen bheachd gur ann à المريّة (Al-Mari'yah) ann an Arabais a tha an t-ainm, agus gu bheil sin a’ ciallachadh Tùr na faire.[6] Thogadh an t-seann bhaile shuas air bàrr cnuic gu math àrd os cionn a' phort ann am meadhan Almería, rud a bheir cuideam dhan teòiridh seo. A dh' aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à المرية ach gu bheil sin a’ ciallachadh Sgàthan na Mara.[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Spain Info
- ↑ Tapia Garrido, José Ángel: Historia general de Almería y su provincia, Almería: Cajalmería, 1991. ISBN 84-505-9623-8