Cádiz
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Cádiz
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7,436 km²
Àireamh-shluaigh 1,243,519 (2014)
Dlùths 167.23/km²
Àireamh fòn + (956)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Cádiz (IPA: kaðiθ neo kaðis). Tha e na laighe ann an Andalusia, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Cádiz a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Cádiz fad 7,436km²[3] agus tha 1,243,519 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 34mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an ochdamh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Huelva, Málaga agus Sevilla.[5] A bharrachd air sin, tha Giobraltair, a' Chaolas Ghiobraltair agus Afraga gu deas. 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha luchd-rannsachaidh uile dhen bheachd gur ann gdr ann am Foinìsis a tha an t-ainm, agus gu bheil sin a’ ciallachadh dùn no caisteal.[6] Mar sin, tha an t-ainm Cádiz coltach ri Agadir, thall ann am Maroco. Bhathar a’ cleachdadh trì ainmean eadar-dhealaichte ann an Greugais: ἡ Γαδείρα (Gadeíra), Γήδειρα (Gẽdeira) agus τὰ Γάδειρα (Gádeira). Chaidh sin atharrachadh gu ann an Arabais a thug Cádiz dhuinn an an Spàinntis an latha an-diugh. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean

deasaich
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. J. Sanmartín (1994). «Toponimia y antroponimia: fuentes para el estudio de la cultura púnica en España». En A. González Blanco; J.L. Cunchillos Ilarri; M. Molina Martos. El mundo púnico: historia, sociedad y cultura. Murcia: Consejería de Cultura y Educación. Región de Murcia. pp. 227–250. ISBN 84-7564-160-1.