Romàinia
Is e dùthaich anns an earra-dheas na h-Eòrpa a tha ann an Romàinia[2][3][4][5], Ròmainia[6][7] (IPA: ro.mɨˈni.a) neo Romania.[8] Tha crìochan aice leis an Ungair agus an t-Sèirb anns an ear, leis an Ucràin agus leis a' Mholdobha san earra thuath, agus le Bulgàiria sa deas. Tha Bucharest na phrìomh-bhaile. Ged a tha Ròmainis na cànan oifigeil san dùthaich air fad, tha Ungairis, Gearmailtis, Ucràinis, Croatais is Sèirbis nan cànain oifigeil ann an roinnean sònraichte.
România | |
---|---|
![]() Bratach |
![]() Gearradh-arm |
![]() | |
Laoidh Nàiseanta | |
Deşteaptă-te, române! Dùisg, a Romàinianaich! | |
Cànan(an) oifigeil | Ròmainis |
Prìomh-bhaile | Bucharest |
Baile as motha | Bucharest |
Riaghaltas | Poblachd le ceann-suidhe |
Ceann-suidhe | Klaus Iohannis[1] |
Prìomh-mhinistear | Florin Cîțu |
Stèidheachadh | |
Țara Românească | 1290 |
Moldavia | 1346 |
Cuir ri chèile (1ad turas) | 1599 |
Cuir ri chèile le Wallachia is Moldavia |
24 am Faoilleach 1859 |
Neo-eisimeileachd oifigeil | 13 an t-Iuchar 1878 |
cuir ri chèile le Transsilvania | 1 an Dùbhlachd 1918 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 238,392 km² (82mh) |
Uisge | 3 % |
Àireamh-shluaigh (2008) | |
Iomlan | 22,246,862 (50mh) |
Dlùths | 93/km² (104mh) |
LTD/CCC (2008) | |
gach pearsa | $12,285.07 (64mh) |
Roinn tìde | EET (UTC+2) |
as t-samhradh | EEST (UTC+3) |
Ruith-airgid | Leu |
Prìomh àrainn-lìn | .ro |
Còd Àireamh fòn | 40 |
EachdraidhDeasaich
Bha Romàinia na phàirt Impireachd nan Otomanach ro 1878. Bha Romàinia fo smachd an deachdaire Ion Antonescu tron Dàrna Chogadh. Dh' fhosgaladh campaichean-losgaidh agus dhèanadh murt air Iùdhaich agus Daoine Rroma, fiù's mus dh'iarr Hitler air Romàinia gun gabhadh iad ri Uile-losgadh Nàsach nan Iùdhach agus nan Rroma.[9] Aig deireadh a' Chogaidh chaidh Antonescu dhìteadh agus a chur gu bàs airson an uilc a rinn e.[10] Ghabh am Pàrtaidh Comunnach Romàinia os làimh Riaghaltas Romàinia ann an 1944 ann an cur-fodha stàite le taic on Aonadh Sobhiatach, ann an 1944 agus chumadh e Ròmainia fo smachd, agus gu math dlùth air Stalin, gu ruige Ar-a-mach na Nollaig 1989.[11] Bhuineadh Romàinia dhan Cho-aonta Warszawa eadar 1955 agus 1990. Fo Nicolae Ceauşescu, b' e an Securitate an t-seirbheis phoileis dhìomhair na bu bhrùideile san t-saoghal air fad, agus iad a' gabhail ri ainneart, craonadh agus murt gu leòr. Thathar daonnan a' cantainn gu robh neach-fiosrachaidh na Securitate anns gach uile oifis, sgoil, taigh-gnìomhachais neo bloca fhlataicheanAnn an 2009 ghabh an dùthaich ri NATO.[12]
Daoine ainmeilDeasaich
- Vlad Țepeș (1431–1476)
- Ealasaid Báthory (1560–1616)
- Alexandru Ioan Cuza (1820–1873)
- Maria Cuțarida-Crătunescu (1857–1919)
- Constantin Brâncuși (1876–1957)
- Ștefan Gheorghiu (1879-1914)
- George Enescu (1881–1955)
- Ion Antonescu (1882–1946)
- Elek Köblös (1887 - 1938)
- Ana Pauker (1893 - 1960)
- Gheorghe Gheorghiu-Dej (1901–1965)
- Mircea Eliade (1907–1986)
- Eugen Ionescu (1909–1994)
- Nicolae Ceauşescu (1918–1989)
- Marin Preda (1922–1980)
- Elie Wiesel (1926–2016)
- Éva Heyman (1931 - 1944)
- Traian Băsescu (1951)
- Dumitru Prunariu (1952)
- László Tőkés (1952)
- Herta Müller (1953)
- Stefan Hell (1962)
- Dacian Cioloș (1969)
Bailtean as mothaDeasaich
SiorrachdanDeasaich
Ann an 1968 chaidh fearrann Romàinia air a roinneadh ann an 41 siorrachdan (Romàinis: județe, IPA: ʒuˈdetse), stèidhichte, gu ìre, air na roinnean a a bh' ann eadar 1859 agus 1950.
IomraidheanDeasaich
- ↑ “Romania profile - Leaders”, BBC News. 28mh dhen Ògmhios 2017. Air a thogail 1d dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Dùthchannan ag SMO
- ↑ Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Arendt, H, (1963), Eichmann in Jerusalem: A Report on the Banality of Evil, Viking Press, Eabhraig Nuadh.
- ↑ Raul Hilberg, La Destruction des Juifs d'Europe, tome 1, Foliohistoire, 2006. Quid, 2000.
- ↑ Dennis Deletant, Teroarea comunistă în România. Gheorghiu-Dej și statul polițienesc, 1948-1965, Polirom, 2001, Iași, ISBN 973-683-783-1
- ↑ NATO
Ceanglaichean a-machDeasaich
- Open Directory Project - Ròmainia
- Duilleag oifigeil Ròmainia
- Leabharlann Nàiseanta Ròmainia
- Eachdraidh Ròmainia bhon World History Database
- BBC Naidheachdan 2016-08-23: Spealadh Carpàitianach - aithris le Teàrlach Quinnell air spealadh an fheòir sna beanntan Carpàiteanach