Cluj (Siorrachd)
Județul Cluj Kolozs Megye
| |||
Dealbh | |||
Suidheachadh | |||
Dùthaich | Romàinia | ||
Prìomh-bhaile | Cluj-Napoca | ||
Roinn Eachdraidheil | Transsilvania | ||
Feartan fiosaigeach | |||
Farsaingeachd | 6,674 km² | ||
Àireamh-shluaigh | 691,106 (2011) | ||
Dlùths | 103.55/km² | ||
LTD | US$ 7.65 billean (2008) | ||
Àireamh fòn | +40 64 | ||
Clàr Àireamh-carbaid | CJ | ||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Roinneil |
'S e roinn (Romàinis: Județ)[1] air an àirde an iar-thuath Romàinia a th' ann an Cluj (IPA: kluʒ, Gearmailtis: Klausenburg, Ungairis: Kolozs). Tha e suidhichte eadar Mureș, Alba, Bihor, Sălaj agus Bistrița-Năsăud. 'S e Cluj fhein a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[2] Thathar dhen bheachd gur ann à Castrum Clus (Gàidhlig: Caisteal Fosgailte) ann an Laideann a tha an t-ainm Cluj.[3] 'S e Cluj an 12mh roinn as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 4mh a thaobh àireimh-shluaigh.[4]
Eachdraidh
deasaichDaoine Ainmeil
deasaich- Mata Corvinus (1443 - 1490)
- Miklós Bánffy (1873 - 1950)
- Ádám Bodor (1968)
- László Tőkés (1952)
Cinnidheachd
deasaich- Romàinianaich – 79.38%[5]
- Ungairianaich – 17.40%
- Romani – 2.82%
- Eile - 0.40%
Creideamhan
deasaich- Ortodogsaich Romàinianach – 72.25%[6]
- Pròsdanachas – 12.35%;
- Caitligich – 7.95% (Dòigh na Ròimhe – 3.68%; Dòigh Ghreugach – 4.27%)
- Caingisich – 2,86%;
- Baistich – 1.02%;
- Unatairianaich – 1.16%;
- Eile - 2.43%
Bailtean as Motha
deasaichTha ainm aig a h-uile baile ann an Ungairis agus ann an Gearmailtis (agus Hayeren!) aig mòran dhuibh o chionn 's gu robh coimhearsnachdan làidir ann ron a' Chogadh Mhòr agus àm Dej/Ceauşescu far an robh na cànain seo gam bruidhinn.[7]
Baile | Muinntir |
---|---|
Cluj-Napoca (Gearmailtis: Klausenburg, Ungairis: Kolozsvár) | 324,576 |
Turda (Gearmailtis: Thorenburg, Ungairis: Torda) | 47,744 |
Dej (Gearmailtis: Burglos, Ungairis: Dés) | 33,497 |
Florești (Gearmailtis: Sächsisch Fenesch, Ungairis: Szászfenes) | 22,813 |
Câmpia Turzii (Gearmailtis: Jerischmarkt, Ungairis: Aranyosgyéres) | 22,223 |
Gherla (Gearmailtis: Armenierstadt neo. Neuschloß, Ungairis: Szamosújvár, hayeren: Հայաքաղաք) | 20,982 |
Apahida (Ungairis: Apahida) | 10,685 |
Baciu (Ungairis: Kisbács) | 10,317 |
Huedin (Gearmailtis: Heynod, Ungairis Bánffyhunyad) | 9,346 |
Gilău (Gearmailtis: Gela, Ungairis: Gyalu) | 8,300 |
(Bho: (20mh an Dàmhair 2011)[8] |
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean A-mach
deasaichAlba • Arad • Argeş • Bacău • Bihor • Bistrița-Năsăud • Botoşani • Braşov • Brăila • Bucureşti • Buzău • Caraş-Severin • Călăraşi • Cluj • Constanța • Covasna • Dâmbovița • Dolj • Galați • Giurgiu • Gorj • Harghita • Hunedoara • Ialomița • Iaşi • Ilfov • Maramureş • Mehedinți • Mureş • Neamț • Olt • Prahova • Satu Mare • Sălaj • Sibiu • Suceava • Teleorman • Timiş • Tulcea • Vaslui • Vâlcea • Vrancea