B' e deasaiche, eadar-theangair, foillsichear agus sgrìobhadair à Romàinia a bh' ann am Marin Preda (IPA: maˈrin ˈpreda, Siliștea Gumești, 5 an Lùnasdal 1922 - Mogoșoaia, 16 an Cèitean 1980. Thogadh e ann an sgìre dhùthchail ann an Teleorman ann an teaghlach clas-obrach uabhasach fhèin bochd: mheòmhraicheadh e daonnan sa chuid obrach air a' chuspair sin.[1] Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Bhucharest agus chuir e seachad bliadhnaichean A' Chogaidh na saighdear san arm.[2] Cha robh e a-riamh an aghaidh Riaghaltas an PCR ann an Romàinia agus bha cuid a cheannard Comunnach gu math dèidheil air, leis gu robh e a' riochdeachadh beatha agus guth a' chlas-obrach sna leabhraichean a sgrìobhadh e.[3] A dh'aindeoin seo, rinn an Securitate murt airsan beagan an dèidh gun do dh'fhoillsich e leabhar - Cel mai iubit dintre pământeni - a thug càin do Stalineachd agus a dhoch bhuaidh air an dùthaich fo Gheorghe Gheorghiu-Dej, ro-theachdaiche Nicolae Ceauşescu.[4]

Marin Preda
Beatha
Breith Siliștea Gumești, 5 dhen Lùnastal 1922
Dùthaich  Romàinia
Bàs Mogoșoaia, 16 dhen Chèitean 1980
Àite-adhlacaidh Bellu Cemetery (en) Translate
Nàdar a’ bhàis  (asphyxia (en) Translate)
Teaghlach
Cèile Aurora Cornu (en) Translate  (1955 -  1959)
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam University of Bucharest (en) Translate
Cànain Romàinis
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, foillsichear, eadar-theangair agus deasaiche
Ballrachd An Acadamh Romàinianach
Creideamh
Creideamh orthodoxy (en) Translate
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Comannach Romàinia
IMDb nm0695737

Iomraidhean

deasaich
  1. Florin Mugur, Convorbiri cu Marin Preda, Bucharest, Editura Albatros, 1973
  2. Monica Spiridon, Omul supt vremi: eseu despre Marin Preda, romancierul, Bucharest, Editura Cartea Românească, 1993.
  3. Mihai Ungheanu, Marin Preda: vocație și aspirație, Bucharest, Editura Eminescu, 1973.
  4. Ceauşescu and the Securitate: coercion and dissent in Romania, 1965-1989, Dennis Deletant.