Fosgail am prìomh chlàr-taice

'S e cànanaiche agus foillsichear a tha ann an Richard A. V. Cox. Tha ùidh shònraichte aige ann an cànanachas eachdraidheil, ainmean-àite agus faclaireachd.[1]

Richard Cox
Beatha
Breith Surrey, 1954
Dùthaich  An Rìoghachd Aonaichte
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Oilthigh Shruighlea
Sabhal Mòr Ostaig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus cànanaiche
Buaidh Magne Oftedal

Foghlam is DreuchdanDeasaich

Rugadh e ann an Sasainn ach thachair gun tàinig e a Leòdhas, far an robh e a' fuireach greis, agus chuir e roimhe an uair sin a dhol a Ghlaschu gus ceum a thoirt a-mach aig Oilthigh Glaschu.[1] Chuir e seachad greis ann an Oslo cuideachd far an robh an t-Ollamh Magne Oftedal aig an àm sin.[1] The e air a bhith an sàs ann an iomadh pròiseact, a' gabhail a-steach Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu agus an cùrsa Speaking Our Language nuair a bha e ann an Cnoc Iòrdain 's e a' toirt a-mach teisteanas foghlaim ann.[1]

Dh'ionnsaich e ceàrd fhoillsichear aig Oilthigh Shruighlea mus deach e a Shabhal Mòr Ostaig a theagasg far an d' fhuair e urram ollaimh cuideachd.[1][2]

FoillseachadhDeasaich

Tha e air iomadh leabhar is pàipear luachmhor fhoillseachadh, am faclair Brìgh nam Facal agus The Gaelic place-names of Carloway nam measg.[3][4][5]

TùsanDeasaich

  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 http://www.smo.uhi.ac.uk/Rannsachadh/cox_gd.html An t-Oll. Richard A.V. Cox
  2. http://www.smo.uhi.ac.uk/A-Cholaiste/Naidheachdan/duais_luchd_rannsachaidh_gd.html Luchd-rannsachaidh an t-Sabhail air Aithneachadh aig Àrd-ìre
  3. Cox, A.V. Brìgh nam Facal (1991) Roinn nan Cànan Ceilteach ISBN 903204-21-5
  4. Cox, A.V. The Gaelic place-names of Carloway, Isle of Lewis (2002) Scoil an Ard-Léinn Cheiltigh ISBN 1-85500-192-6
  5. Cox, Richard A. V. (2017): Gearr Ghràmar na Gàidhlig. Clann Tuirc. 
Luchd-cànanachais na Gàidhlig
 
Tim ArmstrongMichael BauerCarl BorgstrømAnndra Mac a' CheàrnaighRichard CoxHenry DieckhoffNancy Dorian
Seumas GranndNils HolmerWill LambCoinneach MacFhionghuinAlasdair MacGilleBhàinGòrdon MacGilleFhinnein
Magne OftedalRoibeard Ó MaolalaighMáirtín Ó MurchúTomás Ó RathaileElmar TernesRoy Wentworth