A' Mhuir Dhubh
Muir Dhubh | |
Suidheachadh | |
Ainm dùthchail | Черно море/შავი ზღვა/Marea Neagră/Чёрное мо́рe/Karadeniz/Чорне море |
Seòrsa | Muir |
Farsaingeachd | 436,400km2 |
Fad | 1,175km |
Mòr-roinn | Àisia/Roinn-Eòrpa |
Dùthaich | Bulgàiria A' Chairtbheil Romàinia An Ruis An Tuirc An Ucràin |
Làrach-lìn | Black Sea Scene |
'S e muir air an àirde an ear-dheas na Roinn-Eòrpa a th' anns a' Mhuir Dhubh (Bulgàiris: Черно море, Cairtbheilis: შავი ზღვა, Romànianais: Marea Neagră, Ruisis: Чёрное мо́рe, Turcais: Karadeniz, Ucràinis: Чорне море). Tha i suidhichte eadar Àisia agus an Roinn-Eòrpa agus bidh uisgeachan na Mara Duibhe a' sruthadh dhan Mhuir Mharmara tron Bhòsfaras.[1] Tha a' mhuir 1,175km a dh'fhaide. Tha doimhneachd na Mara Duibhe 1,253m thar cheann, ged a tha i mòran nas doimhne ann an corra àite, fiù 's 2,212m. Tha salannachd mheadhanach aice, 22.3psu, no fiù 's 22.33psu air grunnd na mara.[2] Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gun do chruthaicheadh a' Mhuir Mharmara mu 5600 RC, nuair a bha ìre na mara a' sìor-fhàs an dèidh Linn na Deighe.[3] B' e loch mòr a bh' innte ro làimh. Tha Muir Azov ann an ceann a tuath na Mara Duibhe.
Bailtean
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ GRIDA
- ↑ Washington
- ↑ Ryan, W.B.F., Pitman, W.C.; et al. (An Giblean 1997). "An Abrupt Drowning Of The Black Sea Shelf". Marine Geology 138: 119–126.