B' e dealanair, neach-poileataigs agus deachdaire Comannach Stalineach à Romàinia a bh' ann an Gheorghe Gheorghiu-Dej (IPA: ˈɡe̯orɡe ɡe̯orˈɡi.u ˈdeʒ, ainm-baistidh Gheorghe Gheorghiu, Bârlad, 1 an t-Samhain 1901 - Bucharest, 19 am Màrt 1965).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Ortodogsach Clas-obrach - bha athair na obraiche. B' fheudar do Gheorghiu-Dej an sgoil fhàgail nuair a bha e dìreach 11 a dh'aois, leis cho bochd 's a bha a teaghlach.[2] Ghabh e ann an Aonadh-ciùird agus, ann an 1920, bha e an sàs ann an Strailc coitcheann. Chuir e seachadh na 30an a' cur air dòigh strailichean, ag iomairt às leth a' Phàirtidh Chomunnaich Romàinia agus a' dol a-mach 's a-steach dhan phrìosain air adhbharan poiliteagach. Nuair a thòisich An Dàrna Cogadh bha e air a phrìosanachadh ann an campa-prìosain le Riaghaltas Faisisteach Ion Antonescu ach b' fheudar dha theiche ann an 1944. An dèidh phurgaid nan Iùdhach às a' Phàrtiadh ann an 1952, chaidh ainmeachadh ceann-suidhe. Bha e gu math dlùth air Stalin agus chuir e an gnìomh polasaidhean Stalineachd mar cho-shealbhadh àiteachais agus gnìomhachasadh luath. Chaochail e le aillse-sgamhain ann an 1965.[3] B' e a dheagh charaid Nicolae Ceauşescu a bh' ann iar-theachdaire. Chreideadh Gheorghiu-Dej gum bu chòir do ghach uile ar-a-mach agus atharrachadh poiliteagach a bhith fo stiùir mion-chuid Stalinich proifeiseanta, an treabh dham buinneadh esan fhèin.[4]

Gheorghe Gheorghiu-Dej
Ceann-suidhe Romàinia


ball Seòmar Thànaistean Romàinia


general secretary (en) Translate

dhen Fhaoilleach 1945 - 19 dhen Mhàrt 1965
47. Prìomh-mhinistear Romàinia

2 dhen Ògmhios 1952 - 2 dhen Dàmhair 1955
Petru Groza (mul) Translate - Chivu Stoica (mul) Translate
1. President of the State Council (en) Translate

21 dhen Mhàrt 1961 - 19 dhen Mhàrt 1965 - Chivu Stoica (mul) Translate
Beatha
Ainm slàn Gheorghe Gheorghiu
Breith Bârlad, 8 dhen t-Samhain 1901
Dùthaich  Romàinia
Bàs Bucharest, 19 dhen Mhàrt 1965
Àite-adhlacaidh Bellu Cemetery (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (aillse an sgamhain)
Teaghlach
Clann
Foghlam
Cànain Romàinis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus dioplomat
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Comannach Romàinia

Ceanglaichean a-muigh

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Vladimir Tismăneanu, Fantoma lui Gheorghiu-Dej, Editura Univers, 1995.
  2. Dennis Deletant - Teroarea comunistă în România: Gheorghiu-Dej și statul polițienesc, 1948-1965, Editura Polirom, 2001.
  3. Gheorghe Apostol - Eu și Gheorghiu Dej, Ediție de casă, 1998
  4. Tismaneanu, V, The Tragicomedy of the Romanian Communist Party, East European Politics and Societies, 1989.