An Ucràin
Is e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa an ear a tha anns an Ucràin [1][2] neo Ugrain[3] neo An Ugràin[4] (Ucràinis: Україна, Ukraina, IPA: ukraˈjina). Tha a' Bhealaruis san tuath, an Ruis anns an earra-thuath, a' Phòlainn, an t-Slòbhac agus an Ungair san iar, agus Romàinia agus Moldàibhia san iar-dheas. Tha Kyiv na phrìomh-bhaile. Tha Chernobyl anns an Ùcrain cuideachd, far an do thachair tubaist mhòr anns an ionaid-cumhachd niùclasaich.
Україна An Ucràin | |
---|---|
![]() Bratach |
![]() Gearradh-arm |
![]() | |
Laoidh Nàiseanta | |
Ще не вмерла України ні слава, ні воля (Ùcrainis) Shche ne vmerla Ukrayiny ni slava, ni volya Chan eil glòir na h-Ucràin, no a saorsa, air eugadh | |
Cànan(an) oifigeil | Ucràinis |
Prìomh-bhaile | Kyiv |
Baile as motha | Kyiv |
Riaghaltas | Siostam le ceann-suidhe |
Ceann-suidhe | Volodymyr Zelenskyi (Володимир Зеленський) |
Prìomh-mhinistear | Denys Shmyhal (Денис Шмигаль) |
Labhraiche | Dmytro Razumkov (Дмитро Разумков) |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd bhon Aonadh Sobhiat |
24 an Lùnasdal 1991 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 603,628 km² (44mh) |
Uisge | 7% % |
Àireamh-shluaigh (2008) | |
Iomlan | 46,372,700 (27mh) |
Dlùths | 77/km² (115mh) |
LTD/CCC (2007) | |
gach pearsa | $8,624 (83mh) |
Roinn tìde | EET (UTC+2) |
as t-samhradh | EEST (UTC+3) |
Ruith-airgid | Hryvnia |
Prìomh àrainn-lìn | .ua |
Còd Àireamh fòn | 380 |
BailteanDeasaich
EachdraidhDeasaich
Bha an ranntair anns a bheil an Ucràin an-diugh na phàirt de cho-fhlaitheas na Pòlainn–Liotàinia eadar 1569 is 1795. Chaidh an Ucràin a ghairm neo-eisimeileach ann an 1918 ach dh'ionnsaigh feachdan Sobhiatach is chaidh i na pàirt den Aonadh Sobhiatach. Bha gort uabhasach ann ann an 1932. Chaidh an Criom na phàirt dhen Ucràin ann an 1954. Chaidh an Ucràin neo-eisimeileach ann an 1991. Ghlac an Ruis an Criom ann an 2014 is stèidhich poblachdan brèige ann an Donetsk is Luhansk.[5] 24 Gearran 2022 chuir Vladimir Putin feachdan Ruiseanach anns an Ucràin ann an "iomairt armaichte shònraichte".[6]
Daoine ainmeilDeasaich
IomraidheanDeasaich
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ “Ukraine profile - Timeline”. BBC News. Air a thogail 26mh dhen Ghearran 2022.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 24mh dhen Ghearran 2022. Air a thogail 26mh dhen Ghearran 2022.