B' e Tighearna às An Ungair agus Țara Românească (Romàinia an latha an-diugh) a bh' ann am Vlad Țepeș (IPA: ˈvlad ˈtsepeʃ, ainm eile: Vlad Drăculea, IPA: ˈvlad ˈdrəkule̯a, Sighișoara, 1431 - Bucharest, 14 an Dùbhlachd 1476.[1] Cheannsaich Impireachd nan Otomanach na bha air fhàgail dhen Impireachd Bheasantian ann an 1453, nuair a bha Țepeș 22 bliadhna a dh' aois. Thug sin làmh an uachdair dha na h-Otomanaich sna Balcain agus àirde an ear-dheas na Roinn-Eòrpa air fad agus Constantinopolis fo smachd Ioslam.[2] B' ann ann an co-theacsa poiliteagach seo 's a rinn Țepeș a dhìcheall gus an dùthaich aige a shaoradh. Bha fuath is gràin aige air na h-Otomaich air sgàth 's gun tug iad e agus a bhràthair Radu giall, is iad nan giallan, ann an 1442. Ann an 1459 dhiùlt Țepeș cìsean a phàigheadh dha na Otomanaich agus thro-lot e mòran dhuibh. An ath-bhliadhna, ann an 1460, chuir e ainm gu caidreachas le Mata Corvinus Rìgh na h-Ungaire agus ' Chròthais. Bha e na voivode (Gàidhlig: ceannard) Țara Românească trì tursan: 1448, 1456 gu ruige 1462 agus 1476. B' ann ann an Târgoviște a bha Țepeș air a chrùnadh.[3] Fhuair e bàs ann an cath an aghaidh nan Otomanach agus an cuid caidreabhaich agus esan 46 bliadhna a dh' aois.

Vlad Țepeș
monarc


lord of Wallachia (en) Translate


voivode (en) Translate

1460 -
Beatha
Breith Sighișoara, 1431
Dùthaich Wallachia
Àite-fuirich Poenari Castle (en) Translate
Bàs Bucharest, 14 dhen Dùbhlachd 1476
Àite-adhlacaidh Snagov Monastery (en) Translate
Nàdar a’ bhàis murt duine (dì-cheannachadh)
Teaghlach
Athair Vlad II Dracul
Màthair unknown Moldovian noblewoman
Cèile Ilona Szilágyi (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine House of Drăculești (en) Translate
Foghlam
Cànain Church Slavonic (en) Translate
Romàinis
Ungairis
Ottoman Turkish (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd riaghladair
Creideamh
Creideamh Crìostaidheachd Ortodogsach
Caitligeachd

Iomraidhean

deasaich
  1. Treptow, Kurt W. (2000). Vlad III Dracula: The Life and Times of the Historical Dracula. The Center of Romanian Studies. ISBN 978-973-98392-2-8.
  2. Ileana Toma - Singurătatea lui Vlad Țepeș, Editura Didactică și Pedagogică, 2001.
  3. Thomas M. Bohn, Adrian Gheorghe, Albert Weber: Corpus Draculianum. Dokumente und Chroniken zum walachischen Fürsten Vlad dem Pfähler 1448–1650. Band 3: Die Überlieferung aus dem Osmanischen Reich. Postbyzantinische und osmanische Autoren. Harrassowitz, Wiesbaden, 2013, ISBN 978-3-447-06989-2.