B' e saor, deasaiche, ceannard aonaidh-ciùird agus neach-poileataigs Sòisealach à Romàinia a bh' ann an Ștefan Gheorghiu (Ploieşti, 15 am Faoilleach 1879 - Bucharest, 19 am Màrt 1914).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Clas-obrach bochd: bha athair na shaor roimhe.[2] Ghabh e ann an Club Luchd-obrach Sòisealach ann am Ploieşti nuair a bha e dìreach 17 bliadhna a dh' aois. Bha e doirbh dhàsan obair sheasmhach fhaighinn agus companaidhean a' seachnadh cosnadh math a thoirt do mhìleantaich. Ghabh e pàirt ann an Caismeachd mhòr nan Luchd-obrach am Bucharest ann an 1903. Thathar ag ràdh gun deach e ann air chois leis nach robh sgillinn ruadh aige airson an trèana. Chuir esan agus a dheagh charaid Nae Georgescu buidheann luchd-obrach air dòigh air an robh România muncitoare (Gàidhlig: Romàinia na h-Obrach) agus dheasaicheadh e iris na buidhne cuideachd. B' ann ann an 1907 a thòisich a chuid shlàinte a dhol na lughad.[3] Chaidh a chur an greim leis an Arm agus an stàit a' fàgail airsan gun do chuir e air bhog ar-a-mach an aghaidh an Riaghaltais. Thug droch shuidheachadh a' phrìosain buaidh làidir air a chorp is e fo ghlasaibh ann an carcair bog fluich ann an Galați fad bliadhna. Nuair a leigeadh saor e, chaidh e mun cuairt ann an Galați agus Brăila agus e a' brosnachadh luchd-obrach na sgìre ri sheasamh airson an cuid chòirichean. Ach b' fheudar dha mìosan a chur seachad ann an sanaidh faisg air Iași ann an 1911, agus an uair sin chaidh e thall thairis gu Cathair Alasdair anns An Èipheit, ann an 1912. Nuair a thill e dhachaidh fhuair e dreuchd mar rùnaire aonadh-ciùìrd na Còmhdhalach air an robh Uniunea muncitorilor de transport din România (Gàidhlig: Aonadh Luchd-obrach na Còmhdhalach ann an Romàinia). A' dh'aindeoin sin, bha e air iomallachadh gu poiliteagach aig ìre nàiseanta air sgàth 's gu robh e a' gabhail ri ain-riaghailteachd. Chaochail Gheorghiu leis a' Chaitheamh san ospadal ann am Bucharest an an 1914.[4]

Ștefan Gheorghiu
Beatha
Breith Ploieşti, 15 dhen Fhaoilleach 1879
Dùthaich  Romàinia
Bàs “Marius Nasta” National Institute of Pneumophthisiology (en) Translate, 19 dhen Mhàrt 1914
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (a' chaitheamh)
Foghlam
Cànain Romàinis
Dreuchd
Dreuchd ball aonaidh-chiùird agus neach-poileataigs

Iomraidhean

deasaich
  1. Florin Constantiniu: Gheorghiu, Ștefan, Biographical dictionary of European labor leaders. Band 1: A–L. Greenwood, Westport, UA, 1995, ISBN 0-313-29899-8.
  2. Florin Mihai, Jurnal, 2009
  3. Mihail Gheorghiu Bujor: Ștefan Gheorghiu și epoca sa. (1905–1961). Politicǎ, Bucharest, 1968.
  4. Martin Veith: Militant! Stefan Gheorghiu und die revolutionäre Arbeiterbewegung Rumäniens. Edition AV, Bodenburg, 2015, ISBN 978-3-86841-134-8.