Ana Pauker
B' e eadar-theangair, neach-teagaisg agus neach-poileataigs Comannach Stalineach à Romàinia a bh' ann an Ana Pauker (ainm-breithe: Hannah Rabinsohn, Codăești, 13 an Gearran 1893 - Bucharest, 3 an t-Ògmhios 1960).[1] Rugadh agus thogadh i ann am Vaslui agus bhuinneadh i do theaghlach Clas-obrach Iùdhach gu math bochd: bha a h-athair na spadair ann an sionagog. Fhuair i a cuid fhoghlaim aig Oilthigh Gheneva, Oilthigh Mhosco agus san Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin. Ghabh i ann am Pàrtaidh Comunnach Romàinia ann an 1921 ach chaidh a chur an greim ann an 1923 agus 1924 air adhbharan poileataigeach. B' fheudar dhi an dùthaich fhàgail agus theich i agus an duine aice thall thairis nam fògarrach dhan Aonadh Sobhiatach. Chaidh ise a chur an greim sa phrìosan Liubianka ann am Mosgo fad greiseag ann an 1938, aig àm Purcaid Mhòr Stalineach.[2] Thill i gu Romàinia an cois an Airm Deirge an dèidh An Dàrna Cogaidh.[3] Bha e na àrd-rùnaire neo-oifigeil a' Phàirtidh agus b' i a' chiad thè ann an eachdraidh na cruinne a bhith na Ministear nan Dùthchannan Cèin. Bha an Securitate a stèidheachadh fhad 's a bha i os cionn a' Phàirtidh. Bha i a-riamh ann ann strì an aghaidh Elek Köblös taobh a-staigh a' Phàirtidh. Chaill i a dreuchd ann am purgaid nan Iùdhach às a' Phàrtaidh ann an 1952. Chaochail i le aillse ann am Bucharest ann an 1960. Chreideadh Pauker gum bu chòir do ghach uile ar-a-mach agus atharrachadh poiliteagach a bhith fo stiùir mion-chuid Stalinich proifeiseanta, an treabh dham buinneadh ise fhèin.[4] Cha robh i a-riamh air a h-ath-ghnàthachadh an dèidh bàis air sgàth gur e boireannach agus Iùdhach a bh'innte.
Ana Pauker | |||
---|---|---|---|
30 dhen Dùbhlachd 1947 - 9 dhen Iuchar 1952 ← Gheorghe Tătărescu (mul) - Simion Bughici (mul) → | |||
Beatha | |||
Ainm slàn | Hannah Rabinsohn | ||
Breith | Vaslui County (en) , 13 dhen Dùbhlachd 1893 | ||
Dùthaich |
Romanian People's Republic An t-Aonadh Sobhiatach | ||
Àite-fuirich |
Bucharest Moscobha | ||
Bàs | Bucharest, 3 dhen Ògmhios 1960 | ||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (stad a' chridhe) | ||
Teaghlach | |||
Cèile | Marcel Pauker | ||
Foghlam | |||
Foghlam | Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin | ||
Cànain |
Romàinis Ruisis Eabhra Fraingis Gearmailtis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs, neach-teagaisg, eadar-theangair, dioplomat agus tailor (en) | ||
Àitichean-obrach | Paris, Moscobha, Bucharest agus Volga German Autonomous Soviet Socialist Republic (en) | ||
Duaisean a fhuaras | |||
Seirbheis san arm | |||
Ìre | còirneal | ||
Strì | An Dàrna Cogadh | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach |
Romanian Workers' Party (en) Pàrtaidh Comannach an Aonaidh Shobhiataich Pàrtaidh Comannach na Frainge | ||
Iomraidhean
deasaich- ↑ Robert Levy, Ana Pauker: The Rise and Fall of a Jewish Communist, Berkeley: UCP, 2001, ISBN 0-520-22395-0.
- ↑ Branko Lazitch with Milorad M. Drachkovitch, Biographical Dictionary of the Comintern: New, Revised, and Expanded Edition. Stanford, CA: Hoover Institution Press, 1986.
- ↑ Cioroianu, Adrian (2005). Pe umerii lui Marx. O introducere în istoria comunismului românesc. Bucharest: Editura Curtea Veche. ISBN 973-669-175-6.
- ↑ Tismaneanu, V, The Tragicomedy of the Romanian Communist Party, East European Politics and Societies, 1989.