Bihor (Siorrachd)
Județul Bihor Bihar Megye
| |||
Dealbh | |||
Suidheachadh | |||
Dùthaich | Romàinia | ||
Prìomh-bhaile | Oradea | ||
Roinn Eachdraidheil | Crişana | ||
Feartan fiosaigeach | |||
Farsaingeachd | 7,544 km² | ||
Àireamh-shluaigh | 575,398 (2011) | ||
Dlùths | 76.27/km² | ||
LTD | US$ 5.82 billean (2008) | ||
Àireamh fòn | +40 59 | ||
Clàr Àireamh-carbaid | BH | ||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Roinneil |
'S e roinn (Romàinis: Județ)[1] air an àirde an iar-thuath Romàinia a th' ann Bihor (IPA: biˈhor, Gearmailtis/Ungairis: Bihar). Tha e suidhichte eadar Arad, Alba, Cluj, Sălaj agus Satu Mare. 'S e Oradea a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[2] Thathar dhen bheachd gur ann à vihor (iadh-lus) ann an Sèirbis neo à Biharea (theirig) ann an Dacais a tha an t-ainm Bihor.[3] 'S e Bihor an t-siamh roinn as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 11mh a thaobh àireimh-shluaigh.[4]
Eachdraidh
deasaichNuair a ràinig sinnsearan nan Ungaireach dhan Roinn Eòrpa bha treubh ann air an robh na Kabar, a ghabh pàirt ann an cogaidhean nan Ungaireach.[5] 'S ann ann am Bihor a thuinich a' mhòr-chuid dhuibh. B' e Bihor a' chiad àite ann an Transsilvania far an deach Romàinianaich a chlàradh, ann an 1283.[6] Chaidh an roinn a stèidheachadh eadar 1020 agus 1050 ri linn Szent István király, a' chiad Rìgh na h-Ungaire.[7] Bhuineadh Bihor, mar iomadh roinn eile air an àirde iar-thuath Romàinia, dhan Ostair-Ungaire ron a' A' Chogaidh Mhòir. Chaill An Ungair Bihor ann an 1920.[8]
Cinnidheachd
deasaich- Romàinianaich – 67.38%[9]
- Ungairianaich – 25.96%
- Romani – 5.10%
- Slobhaicianaich – 1.22%
- Gearmailtich – 0.19%
- Eile - 0.16%
Creideamhan
deasaich- Ortodogsaich Romàinianach – 59.7%[10]
- Pròsdanachas – 18.1%;
- Caitligich – 11.5% (Dòigh na Ròimhe – 9.2%; Dòigh Ghreugach – 2.3%)
- Caingisich – 5.7%;
- Baistich – 3.7%;
- Aidmheinich – 0.3%;
Bailtean as Motha
deasaichTha ainm aig a h-uile baile ann an Ungairis agus ann an Gearmailtis aig mòran dhuibh o chionn 's gu robh coimhearsnachdan làidir ann ron a' Chogadh Mhòr agus àm Dej/Ceauşescu far an robh na cànain seo gam bruidhinn.[11]
Baile | Muinntir |
---|---|
Oradea (Gearmailtis: Großwardein, Ungairis: Nagyvárad, Slòbhacais: Veľký Varadín) | 196,367 |
Salonta (Gearmailtis: Großsalontha, Ungairis: Nagyszalonta) | 17,735 |
Marghita (Gearmailtis: Margarethen, Ungairis: Margitta) | 15,770 |
Săcueni (Gearmailtis: Zickelhid, Ungairis: Székelyhíd) | 11,526 |
Beiuș (Ungairis: Belényes) | 10,667 |
Aleșd (Ungairis: Élesd) | 10,066 |
Valea lui Mihai (Ungairis: Érmihályfalva) | 9,902 |
Sânmartin (Ungairis: Váradszentmárton) | 9,572 |
Tinca (Ungairis: Tenke) | 7,793 |
Popești (Ungairis: Papfalva) | 7,362 |
(Bho: 20mh an Dàmhair 2011)[12] |
Daoine Ainmeil
deasaich- Éva Heyman (1931 - 1944), Ìobairteach an Uile-losgaidh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Nutritionist Cluj
- ↑ Welcome to Romania
- ↑ Adevǎrul
- ↑ Criticatac
- ↑ Peter F. Sugar, Péter Hanák, Tibor Frank, A History of Hungary, IUP, Indiana, 1994, duilleagan. 11-143.
- ↑ György Fejér, Codex diplomaticus Hungariae ecclesiasticus ac civilis, Volume 7, typis typogr. Regiae Vniversitatis Vngaricae, 1831
- ↑ Kordé, Zoltán (1994). "Bihar". Kristó, Gyula; Engel, Pál; Makk, Ferenc. Korai magyar történeti lexikon (9–14. század), Akadémiai Kiadó, duilleag 103. ISBN 963-05-6722-9.
- ↑ Hungarian History
- ↑ Centru de Resurse pentru Diversitate Etnoculturalǎ
- ↑ Népszamlalas[dead link]
- ↑ OSZK
- ↑ City Population
Ceanglaichean A-mach
deasaichAlba • Arad • Argeş • Bacău • Bihor • Bistrița-Năsăud • Botoşani • Braşov • Brăila • Bucureşti • Buzău • Caraş-Severin • Călăraşi • Cluj • Constanța • Covasna • Dâmbovița • Dolj • Galați • Giurgiu • Gorj • Harghita • Hunedoara • Ialomița • Iaşi • Ilfov • Maramureş • Mehedinți • Mureş • Neamț • Olt • Prahova • Satu Mare • Sălaj • Sibiu • Suceava • Teleorman • Timiş • Tulcea • Vaslui • Vâlcea • Vrancea