Éva Heyman
B' e nighean-sgoile agus sgrìobhadair às An Ungair/Romàinia a bh' ann an Éva Heyman (Nagyvárad, 13 an Gearran 1931 - Auschwitz-Birkenau, 17 an Dàmhair 1944. Thogadh i ann an Bihor ann an teaghlach Bùirdeasach Ungaireach Iùdhach: bha a h-athair na ailtire agus bha a màthair na cungadair. Bha coimhearsnachd Iùdhach uabhsach fhèin làidir ann an Nagyvárad aig an àm. Dhealaich a pàrantan nuair a bha i òg agus phòs a màthair aig an neach-aithris Sòisealach Béla Zsolt. Thòisich i ri leabhar-latha - dìreach mar a rinn Anne Frank thall sna Tìrean Ìsle aig an aon àm - a sgrìobhadh nuair a thug na Nàsaich ionnsaidh air an Ungair.[1] Rinn na Nàsaich murt oirre ann an KZ Auschwitz-Birkenau air 17 an Dàmhair 1944. B' e Josef Mengele fhèin a thagh Éva airson a' bhàis. Chaochail mu 25,000 Iùdhaich à Nagyvárad san Uile-losgadh.[2] Chuir a màthair Agnes an leabhar sin sa chlò an dèidh a' Chogaidh.[3]
Éva Heyman | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Oradea, 13 dhen Ghearran 1931 |
Dùthaich | Romàinia |
Bàs | Campa-dùmhlachaidh Auschwitz, 17 dhen Dàmhair 1944 |
Foghlam | |
Cànain | Romàinis |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair |
Obraichean comharraichte | The diary of Eva Heyman (en) |
IMDb | no value |
Obair
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Yad Vashem
- ↑ Randolph L. Braham, The Politics of Genocide: The Holocaust in Hungary. Wayne State University Press, 2000, ISBN 0814326919
- ↑ Magyar Narancs