Is e dùthaich anns an earra-dheas na h-Eòrpa a tha ann an Romàinia[2][3][4][5], Ròmainia[6][7] (IPA: ro.mɨˈni.a) neo Romania.[8] Tha crìochan aice leis an Ungair agus an t-Sèirb anns an ear, leis an Ucràin agus leis a' Mholdobha san earra thuath, agus le Bulgàiria sa deas. Tha Bucharest na phrìomh-bhaile. Ged a tha Ròmainis na cànan oifigeil san dùthaich air fad, tha Ungairis, Gearmailtis, Ucràinis, Croatais is Sèirbis nan cànain oifigeil ann an roinnean sònraichte.

România
Flag of Romania.svg
Bratach
Coat of arms of Romania.svg
Gearradh-arm
EU location ROM.png
Laoidh Nàiseanta
Deşteaptă-te, române!
Dùisg, a Romàinianaich!
Cànan(an) oifigeil Ròmainis
Prìomh-bhaile Bucharest
Baile as motha Bucharest
Riaghaltas Poblachd le ceann-suidhe
Ceann-suidhe Klaus Iohannis[1]
Prìomh-mhinistear Florin Cîțu
Stèidheachadh
Țara Românească 1290
Moldavia 1346
Cuir ri chèile (1ad turas) 1599
Cuir ri chèile le
Wallachia is Moldavia
24 am Faoilleach 1859
Neo-eisimeileachd oifigeil 13 an t-Iuchar 1878
cuir ri chèile le Transsilvania 1 an Dùbhlachd 1918
Farsaingeachd
Iomlan 238,392 km² (82mh)
Uisge 3 %
Àireamh-shluaigh (2008)
Iomlan 22,246,862 (50mh)
Dlùths 93/km² (104mh)
LTD/CCC (2008)
gach pearsa $12,285.07 (64mh)
Roinn tìde EET (UTC+2)
as t-samhradh EEST (UTC+3)
Ruith-airgid Leu
Prìomh àrainn-lìn .ro
Còd Àireamh fòn 40

EachdraidhDeasaich

Bha Romàinia na phàirt Impireachd nan Otomanach ro 1878. Bha Romàinia fo smachd an deachdaire Ion Antonescu tron Dàrna Chogadh. Dh' fhosgaladh campaichean-losgaidh agus dhèanadh murt air Iùdhaich agus Daoine Rroma, fiù's mus dh'iarr Hitler air Romàinia gun gabhadh iad ri Uile-losgadh Nàsach nan Iùdhach agus nan Rroma.[9] Aig deireadh a' Chogaidh chaidh Antonescu dhìteadh agus a chur gu bàs airson an uilc a rinn e.[10] Ghabh am Pàrtaidh Comunnach Romàinia os làimh Riaghaltas Romàinia ann an 1944 ann an cur-fodha stàite le taic on Aonadh Sobhiatach, ann an 1944 agus chumadh e Ròmainia fo smachd, agus gu math dlùth air Stalin, gu ruige Ar-a-mach na Nollaig 1989.[11] Bhuineadh Romàinia dhan Cho-aonta Warszawa eadar 1955 agus 1990. Fo Nicolae Ceauşescu, b' e an Securitate an t-seirbheis phoileis dhìomhair na bu bhrùideile san t-saoghal air fad, agus iad a' gabhail ri ainneart, craonadh agus murt gu leòr. Thathar daonnan a' cantainn gu robh neach-fiosrachaidh na Securitate anns gach uile oifis, sgoil, taigh-gnìomhachais neo bloca fhlataicheanAnn an 2009 ghabh an dùthaich ri NATO.[12]

Daoine ainmeilDeasaich

Bailtean as mothaDeasaich

SiorrachdanDeasaich

Ann an 1968 chaidh fearrann Romàinia air a roinneadh ann an 41 siorrachdan (Romàinis: județe, IPA: ʒuˈdetse), stèidhichte, gu ìre, air na roinnean a a bh' ann eadar 1859 agus 1950.

IomraidheanDeasaich

  1. Romania profile - Leaders”, BBC News. 28mh dhen Ògmhios 2017. Air a thogail 1d dhen Dùbhlachd 2018. 
  2. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  3. Dùthchannan ag SMO
  4. Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
  5. Am Faclair Beag
  6. Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
  7. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  8. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  9. Arendt, H, (1963), Eichmann in Jerusalem: A Report on the Banality of Evil, Viking Press, Eabhraig Nuadh.
  10. Raul Hilberg, La Destruction des Juifs d'Europe, tome 1, Foliohistoire, 2006. Quid, 2000.
  11. Dennis Deletant, Teroarea comunistă în România. Gheorghiu-Dej și statul polițienesc, 1948-1965, Polirom, 2001, Iași, ISBN 973-683-783-1
  12. NATO

Ceanglaichean a-machDeasaich

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: