Gleann Comhann
'S e gleann air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Gleann Comhann. Tha e suidhichte air àird a deas Loch Abar. Tha e mu 16 cilemeatair air fad. Canar gur e aon de na h-àiteachan as bòidhche a tha ann an Alba. Tha e na phàirt dhen National Scenic Area air a bheil an t-ainm "Beinn Nibheis is Gleann Comhann". 'S e A' Chàrnaich a tha air a' baile bheag ann an Gleann Comhann. Tha an gleann ainmeil airson Murt Ghlinne Comhainn ann an 1692, mar sin canar luchd na Beurla "Glen of Weeping" ris uaireannan. Ach tha ainm an àite nas sine na am fear-ainm seo. Tha dòighean sgrìobhadh eadar-dhealaichte ann cuideachd: Gleann Comhan neo Gleanna Comhan[1] Chaidh cuid filmichean a chruthachadh ann an Gleann Comhainn, mar eisimpleir: "Braveheart", "Rob Roy" (mu Rob Ruadh MacGriogair) agus "Harry Potter and the Prisoner of Azkaban". [2]
Ruith bheanntan | Garbhchrìoch na h-Albann |
---|---|
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Sgìre riaghaltais ionadail | Gàidhealtachd |
Siorrachd eachdraidheil | Earra-Ghàidheal |
Faisg air an uisge | Abhainn Comhan |
Domhan-leud is -fhad | 56°40′4″N 4°59′12″W |
Seilbhiche | Urras Nàiseanta na h-Alba |
Gnìomharaiche | Urras Nàiseanta na h-Alba |
Cód a’ phuist | PH49 |
Làrach-lìn | https://www.nts.org.uk/visit/places/glencoe |
Is e Sgòrr na Cìche no "Pap of Glen Coe" sa' bheurla a tha air a' bheinn as àirde sa' bhaile agus tha i gu math ainmeil do choisichean. Tha Glean Comhann suidhichte ri taobh locha air a bheil "Loch Lìobhan" agus air an loch tha trì eileanan beaga, chaidh tè (Eilean Munde) a chleachdadh mar chladh anns an 17mh agus 18mh linn agus air an eilean lorgar uaigh an t-seann cheannaird a chaidh a thìodhlachadh ann san 18mh linn. Tha Loch Lìobhan a' co-aomadh leis An Linne Dhubh a tha a' dol seachad air a' Ghearasdan.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 55, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ alba-schottland
Ceanglaichean a-mach
deasaich- BBC Naidheachdan 2016-02-16: “Taigh a' Mhuirt” ga sgrùdadh (aithris bhideo 2:13)
Bailtean | Àrasaig • Àth Tharracail • Baile a' Chaolais • Banbhaidh • An Caol • A' Chorpaich • Cille Chòmhain • An Gearasdan • Gleann Fhionnainn • Inbhir Aoidhe • Malaig • Mòrar • An Sàilean • Sròn an t-Sìthein |
Lochan | An Linne Dhubh • Loch Iall |
Sgìrean | Gleann Comhann • Glinn Eilg • Mòinteach Raineach • Bràigh Loch Abar • Cnòideart • Mòrar a Tuath • Mòrar a Deas • Mùideart • Àird nam Murchan • Suaineart • A' Mhorbhairne • Àird Ghobhar |