Àird nam Murchan
'S e leth-eilean a tha ann an Àird nam Murchan (Beurla: Ardnamurchan).
Cruinn-eòlasDeasaich
Tha e ann an Loch Abar ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd. Tha e cho farsaing ri 50 mìltean ceàrnagach. Tha timcheall air 2000 duine a' fuireach an seo.
Is àbhaist do na daoine ag ràdh gur e Rubha Àird nam Murchan an t-àite as fhaide iar air tìr-mòr Bhreatainn. Ach a-rèir na rannsachaidhean ùra a rinn an Ordnance Survey ann an Alba, ‘s e Corrachadh Mòr an t-àite as fhaide iar. Tha an Taigh Solais Àird nam Murchan suidhichte aig Rubha Àird nam Murchan.
Ainm an àiteDeasaich
Chan eilear cinnteach cò às a thàinig an t-ainm "Àird nam Murchan". Tha dà bheachd ann: Tha aon mìneachadh ag ràdh gun tàinig e bho na faclan "Àirde" agus "Muirchu" (biast dhubh) neo ròn [1] agus a' ciallachadh: àite nam biastan dubha. Tha mìneachadh eile ag ràdh gu bheil an t-ainm ceangailte leis an fhacal: "Muirchol" leis a' chiall: àite spùinneadairean-màra.[2]
Bailtean ann an Àird nam MurchanDeasaich
CeàrnaidhDeasaich
Cruinn-eòlasDeasaich
- Abhainn Seile
- Càrna, Corrachadh Mór
- Loch Shuaineart
- Rubha Àird nam Murchan
- Taigh Solais Àird nam Murchan
LeabhraicheanDeasaich
- Maclean, Alasdair (1993): Night Falls on Ardnamurchan: The Twilight of a Crofting Family. Birlinn. ISBN 1-84158-159-3.
IomraidheanDeasaich
- ↑ Iain Mac an Tailleir (pdf-Datei), "Placenames", Duilleag 7, Pàrlamaid na h-Alba (englisch)
- ↑ Northern Lighthouse Board