Contae Chorcaí
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Mumhan
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7,460 km²
Àireamh-shluaigh 519,032 ()
Dlùths 69.58/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Chorcaí[1] (tuiseal ainmneach: Corcaigh,[2] Laideann: Comitatus Corcagiensis). Tha e suidhichte air an àirde an iar-dheas na dùthcha, ann an Còigeamh Mumhan. Tha 519,032 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 7,460km²,[3] an siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an treas a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Chorcaí le Ciarraí, Luimneach, Port Láirge agus Tiobraid Árann.[4] Bha 854,118 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e An Cnoc Buí (703m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]

Sgìrean Ionadail

deasaich

Tha 21 baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn an Chorcaí: Baróidigh, Barraigh Mhóra, Beanntraí, Béarra, Cairbrigh Thoir (an Roinn Thoir), Cairbrigh Thoir (an Roinn Thiar), Ciarraí Cuirche, Cineál Aodha, Cineál mBéice, Cionn tSáile, Condúnaigh agus Clann Ghiobúin, Cúrsaigh, Dúiche Ealla, Mainistir Fhear Maí, Múscraí Thiar, Múscraí Thoir, Orbhraí agus An Choill Mhór, Uí Bhána agus Barraigh Rua, Uí Mhic Coille agus Corcaigh fhèin. A bharrachd air sin, tha 249 parraistean[7] (air an sgaradh eadar ceithir sgìreachdan-easpaig: Ciarraí, Cluain, Corcaigh agus Ros, Port Láirge agus Lios Mór)[8] agus 5,580 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean

deasaich

Daoine Ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Irish Times
  8. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann