Contae Thír Eoghain
Contae Thír Eoghain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Còigeamh | Còigeamh Uladh |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 3,155 km² |
Àireamh-shluaigh | 161,800 () |
Dlùths | 51.28/km² |
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Èirinn a Tuath a tha ann an Contae Thír Eoghain[1] (tuiseal ainmneach: Tír Eoghain).[2] Cuairtichte le talamh, ach airson cladach air Loch nEathach (far a bheil crìoch-locha aige le Contae Aontroma), tha crìochan aige le seachd den naoi chontae Ultaich: Doire chun a' thuatha, Aontroma thairis Loch nEathach, Contae Ard Mhacha, Contae Mhuineacháin agus Contae Fhear Manach gu Deas agus Dun nan Gall chun iar. Is e contae brèagha gorm a tha ann, tìr nan cnuic iosail, nam bailtean beaga agus tuathanasan. Is e An Ómaigh prìomh-bhaile a' chontae. Tha 161,800 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 3,155km²,[3] an 7mh siorramachd as motha ann an Èirinn a thaobh fharsaingeachd agus an 9mh a thaobh àireamh-sluaigh.
Sgìrean Ionadail
deasaichTha ochd baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Thír Eoghain: Clochar, Dún Geanainn Íochtarach, Dún Geanainn Láir, Dún Geanainn Uachtarach, An Ómaigh Thiar, An Ómaigh Thoir, An Srath Bán Íochtarach agus An Srath Bán Uachtarach. A bharrachd air sin, tha 43 parraistean[4] (ann an trì sgìreachdan-easpaig: Doire, Ard Mhacha agus Clochair)[5] agus 2,162 bailtean fearainn sa chontae.
Bailtean
deasaichCànan agus Cultar
deasaichBha sgìre Gaeltacht ann an Contae Thír Eoghainn sìos ri na 1920'n. Is ann ann an Gaidhealtacht Thír Eoghain a rugadh an sgrìobhadair ainmeil Maoilis na gCopaleen.
Tha cothrom eadar muinntir Pròsdanach agus muinntir Caitligeach 's a' Chontae de faisg air 50/50. Tha dlùth cheangail eadar na Donnghailigh (a thug ìomhaigh an làimh dhearg dhan Ulaidh) agus Tír Eoghain. B'e sgioba Thír Eoghain a ghleidh Corn Sam MacGuire, 'son peile an 2008.
Iomraidhean
deasaichContae Aontroma • Contae Ard Mhacha • Contae Átha Cliath • Contae an Chabháin • Contae Cheatharlach • Contae Chill Chainnigh • Contae Chill Dara • Contae Chill Mhantáin • Contae an Chláire • Contae Chiarraí • Contae Chorcaí • Contae Dhoire • Contae an Dúin • Contae Dhún nan Gall • Contae Fhear Manach • Contae na Gaillimhe • Contae na hIarmhí • Contae Laoise • Contae Liatroma • Contae Loch Garman • Contae an Longfoirt • Contae Luimnigh • Contae Lú • Contae Mhaigh Eo • Contae na Mí • Contae Mhuineacháin • Contae Phort Láirge • Contae Ros Comáin • Contae Shligigh • Contae Thiobraid Árann • Contae Thír Eoghain • Contae Uíbh Fhailí