Contae an Chabháin
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Uladh
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,891 km²
Àireamh-shluaigh 73,183 ()
Dlùths 38.7/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae an Chabháin[1] (tuiseal ainmneach: An Cabhán).[2] Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 73,183 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,891km²,[3] an 18mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 25mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae an Chabháin le Fear Manach, Iarmhí, Liatroim, Longfort, , An Mhí agus Muineachán.[4] Bha 243,158 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Sliabh Beatha (370m) a th' anns a' bheinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Contae an Chabháin a chruthachadh ann an 1579.[7]

Sgìrean Ionadail

deasaich

Tha ochd baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Chabháin: Caisleán Raithin, Clann Chaoich, Clann Mhathúna, Lucht Tí Íochtarach, Lucht Tí Uachtarach, Teallach Ghairbhíth, Teallach Eathach agus Teallach Dhúnchadha. A bharrachd air sin, tha 36 parraistean[8] (anns an sgìreachd-easpaig Chlochair)[9] agus 1,979 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Abstract of the Census of Ireland 1841”. Online Historical Population Reports. Oilthigh Essex. Air a thogail 19mh dhen Dùbhlachd 2018.
  6. Peakbagger
  7. Irish Facts
  8. Irish Times
  9. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann