Contae na Mí
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Laighean
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,336 km²
Àireamh-shluaigh 184,135 ()
Dlùths 78.82/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae na Mí[1] (tuiseal ainmneach: An Mhí,[2] Laideann: Comitatus Midiensis). Tha e suidhichte ann an àirde an ear na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 184,135 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,336km²,[3] an 14mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 12mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae na Mí le Muineachán, , Iarmhí, Átha Cliath, Cill Dara agus An Cabhán.[4] Bha 183,828 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Sliabh na Caillí (279m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Contae na Mí a chruthachadh ann an 1297.[7]

Sgìrean Ionadail

deasaich

Tha ochd baranachdan deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn na Mí: Baile Fhobhair, Baile Shláine Íochtarach, Baile Shláine Uachtarach, Ceanannas Íochtarach, Ceanannas Uachtarach, Damhliag Íochtarach, Damhliag Uachtarach, Déise Íochtarach, Déise Uachtarach, Dún Búinne, Luíne, Machaire Gaileang, Maigh Fionnráithe Íochtarach, Maigh Fionnráithe Uachtarach, Ráth Tó, An Scrín, An Uaimh Íochtarach agus An Uaimh Uachtarach. A bharrachd air sin, tha 146 parraistean[8] (ann an dà sgìreachd-easpaig: An Mhí agus Ard Mhacha)[9] agus 1,634 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean

deasaich

Daoine Ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Irish Facts
  8. Irish Times
  9. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann