Contae Loch Garman
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Laighean
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,351 km²
Àireamh-shluaigh 154,320 ()
Dlùths 65.64/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Loch Garman.[1] Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 154,320 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,351km²,[2] an 13mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 16mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Loch Garman le Cill Mhantáin, Cill Chainnigh, Port Láirge agus Ceatharlach.[3] Bha 202,033 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[4] 'S e Suta Laighean (795m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[5]

Sgìrean Ionadail

deasaich

Tha deich baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn na Laoise: An Bealach Caoin Thuaidh, An Bealach Caoin Theas, Beanntraí, Uí Bhairrche, Fotharta, Guaire, Scairbh Bhailis, Síol Bhroin, Síol Maoluír Thiar agus Síol Maoluír Thoir. A bharrachd air sin, tha 134 parraistean[6] (ann an dà sgìreachd-easpaig: Fearna agus Osraí)[7] agus 2,384 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Statoids
  3. Scoil Cronáin Naofa
  4. Cenus of Britain 1841
  5. Peakbagger
  6. Irish Times
  7. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann