Contae an Longfoirt
Contae an Longfoirt | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Còigeamh | Còigeamh Laighean |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,044 km² |
Àireamh-shluaigh | 39,000 () |
Dlùths | 37.36/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae an Longfoirt[1] (tuiseal ainmneach: An Longfort,[2] Laideann: Comitatus Longfordiensis). Tha e suidhichte ann an teas-mheadhan na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 39,000 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,044km²,[3] an cethreamh siorramachd as lugha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an dàrna as lugha a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae an Longfoirt le Muineachán, Liatroim, Iarmhí agus Ros Comáin.[4] Bha 115,491 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Carn Clainne Aodha (906m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]
Sgìrean Ionadail
deasaichTha sia baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Longfoirt: Ardach, Gránard, Maigh Dumha, Ráth Claon, Sruthail agus An Longfort fhèin. A bharrachd air sin, tha 26 parraistean[7] (ann an dà sgìreachd-easpaig: An Mhí agus Ardach-Cluain Mhic Nóis)[8] agus 944 bailtean fearainn sa chontae.
Bailtean
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Sabhal Mòr Ostaig
- ↑ Logainm
- ↑ Statoids
- ↑ Scoil Cronáin Naofa
- ↑ Cenus of Britain 1841
- ↑ Peakbagger
- ↑ Irish Times
- ↑ Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann
Contae Aontroma • Contae Ard Mhacha • Contae Átha Cliath • Contae an Chabháin • Contae Cheatharlach • Contae Chill Chainnigh • Contae Chill Dara • Contae Chill Mhantáin • Contae an Chláire • Contae Chiarraí • Contae Chorcaí • Contae Dhoire • Contae an Dúin • Contae Dhún nan Gall • Contae Fhear Manach • Contae na Gaillimhe • Contae na hIarmhí • Contae Laoise • Contae Liatroma • Contae Loch Garman • Contae an Longfoirt • Contae Luimnigh • Contae Lú • Contae Mhaigh Eo • Contae na Mí • Contae Mhuineacháin • Contae Phort Láirge • Contae Ros Comáin • Contae Shligigh • Contae Thiobraid Árann • Contae Thír Eoghain • Contae Uíbh Fhailí