Cionn tSáile
Cionn tSáile | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Ceàrn | Cúige Mumhan |
Sgìre | Contae Chorcaí |
Co-chomharran | 51° 42 27' Tuath 08° 31 50' Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 2,198 (2011) |
Àireamh fòn | + 353 21 |
Duilleag oifigeil | Comhairle Chorcaigh |
'S e baile beag agus port ann an ceann a deas Chontae Chorcaí, Cúige Mumhan, Èirinn a th' ann an Cionn tSáile.[1] Tha e suidhichte air Inbhir na h-Aibhne Bandan, 21km air falbh bho Chorcaigh, 177km bho Ghaillimh agus 238km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha am baile beag seo uabhasach còrdte le luchd-turais an dà chuid bho thall thairis is bhon dùthaich seo fhèin. 'S turasachd agus iasgach a tha aig cridhe eaconomaidh a' bhaile.
Eachdraidh
deasaichChuir na Gall ruaig air na Spàinntich agus na Gàidheil ann an Cionn tSàile sa bhliadhna 1601, rud a dh'adhbharaich Teicheadh nan Iarla an ceann beagan bliadhna.[3] Thogadh daingneach an seo, air a bheil Dún Chathail neo Daingean Shearlais, ann an 1677 gus bacadh a chur air na Gàidheal.[4] Theich Rìgh Seumas tro Chionn tSàile an dèidh Cath na Bòinne ann an 1690 cuideachd. Chaidh an daingneach a thoirt air ais dha na Gàidheil an dèidh Cogadh na Saoirse ann an 1922.
Bailtean Co-cheangailte
deasaich- Antibes (An Fhraing)
- Newport (Rhode Island)[5]
- Portofino (An Eadailt)
- Y Mwmbwls (A' Chuimrigh)