Contae Luimnigh
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Mumhan
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,686 km²
Àireamh-shluaigh 191,089 ()
Dlùths 71.14/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Luimnigh[1] (tuiseal ainmneach: Luimneach,[2] Laideann: Comitatus Limericensis). Tha e suidhichte air an àirde an iar-dheas na dùthcha, ann an Còigeamh Mumhan. Tha 191,089 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,686km²,[3] an deicheamh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an seachdamh a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aig Contae Luimnigh le Corcaigh, Ciarraí, An Clár agus Tiobraid Árann.[4] Bha 330,029 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Cnoc Mór na Gaibhlte (919m) a th' ann a' bheinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Contae Luimnigh a chruthachadh ann an 1211.[7]

Sgìrean Ionadail

deasaich

Tha ceithir baranachdan deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn na Luimnigh: Clann Liam, Conallaigh Íochtaracha, Conallaigh Uachtaracha, Uí Chuanach, Cois Sléibhe, Cois Máighe, An Déis Bheag, Gleann an Choim, Caonraí, Cill Mocheallóg, Na Líbeartaí Thuaidh, Uaithne Beag, Pobal Bhriain, Seanaid agus Cathair Luimnigh. A bharrachd air sin, tha 131 parraistean[8] (ann an trì sgìreachdan-easpaig: Caiseal-Imleach, Luimneach agus Cill Fhionnúrach)[9] agus 2,068 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Census of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Irish Facts[dead link]
  8. Irish Times
  9. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann