Contae Fhear Manach
Suidheachadh
Dùthaich Rìoghachd Aonaichte
Còigeamh Còigeamh Uladh
Feartan fiosaigeach
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Èirinn a Tuath a tha ann an Contae Fhear Manach,[1] (tuiseal ainmneach: Fear Mananch).[2] Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 54,200 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,691km²,[3] an 25mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 27mh a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aig Contae Fhear Manach le Dún na nGall, Tír Eoghain, Muineachán, An Cabhán agus Liatroim.[4] Bha 156,481 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Binn Chuilceagh (665m) a th' ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Comhairle Chontae Fhear Manach a bhristeadh suas ann an 1973 is ùghdarrasan ionadail na bu lugha a chur na àite.[7]

Sgìrean Ionadail

deasaich

Tha ochd baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Fhear Manach: Clann Amhlaoibh, Clann Cheallaigh, Cnoc Ninnidh, An Chúil, Lorg, An Machaire Buí, An Machaire Steafánach agus Tír Cheannada. A bharrachd air sin, tha 22 parraistean[8] (ann an dà sgìreachd-easpaig: Cill Mhór agus Clochair)[9] agus 2,162 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Scoil Cronáin Naofa
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Abstract of the census of Ireland for the year 1841”. Online Historical Population Reports, Oilthigh Essex. Air a thogail 8mh dhen Dùbhlachd 2016.
  6. Peakbagger
  7. ULST
  8. Ancestry Ireland
  9. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann