Contae Ros Comáin

Contae Ros Comáin
Ros comáin.PNG
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Ireland.svg Èirinn
Còigeamh Flag of Munster.svg Còigeamh Chonnacht
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,463 km²
Àireamh-shluaigh 64,065 ()
Dlùths 26.01/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Ros Comáin[1] (Laideann: Comitatus Roscomensis). Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, ann an Còigeamh Chonnacht. Tha 64,065 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,463km²,[2] an 11mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an còigeamh as lugha a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Ros Comáin le Uíbh Failí, Gaillimh, Iarmhí, Maigh Eo, Sligeach, Liatroim agus Longfort.[3] Bha 253,589 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[4] 'S Sliabh an Choire (410m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[5]

Sgìrean IonadailEdit

Tha naoi baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Ros Comáin: Átha Luain, Baile an Tobair Theas, Baile an Tobair Thuaidh, Béal Átha Mó, An Caisleán Riabhach, Dún Gar, Maigh Charnáin, Mainistir na Búille agus Ros Comáin fhèin. A bharrachd air sin, tha 60 parraistean[6] (ann an còig sgìreachdan-easpaig: Ardach, Tuaim, Achadh Conaire, Cluain Fearta agus Ail Finn)[7] agus 2,060 bailtean fearainn sa chontae.

BailteanEdit

Daoine AinmeilEdit

IomraidheanEdit

  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Statoids
  3. Scoil Cronáin Naofa
  4. Census of Britain 1841
  5. Peakbagger
  6. Irish Times
  7. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann