Contae na hIarmhí
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Laighean
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,763 km²
Àireamh-shluaigh 86,164 ()
Dlùths 48.87/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae na hIarmhí[1] (tuiseal ainmneach: An Iarmhí,[2] Laideann: Comitatus Midiensis Occidentalis). Tha e suidhichte ann an teis-mheadhan na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 86,164 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,763km²,[3] an 13mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 23mh a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aig Contae na hIarmhí le Longfort, Uíbh Fhailí, Ros Comáin, An Mhí agus Muineachán.[4] Bha 141,300 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e An Mullach Mín (856m) a th' ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Iarmhí a sgaradh bho Chontae na Mí fhèin ann an 1543.

Sgìrean Ionadail

deasaich

Tha dà bharanachd deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn na Iarmhí: Breámhaine, Cluain Lonáin, Corca Raoi, Dealbhna, Fir Bhile, Fir Thulach, Baile Fhobhair, Cill Chainnigh Thiar, Maigh Asail agus Machaire Ó dTiarnáin, Maigh Chaisil, Uí Mhac gCuais agus Ráth Conarta. A bharrachd air sin, tha 64 parraistean[7] (ann an dà sgìreachd-easpaig: An Mhí agus Ardach-Cluain Mhic Nóis)[8] agus 1,376 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. An Iarmhí/Westmeath”. logainm.ie. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2016.
  3. Law, Gwilim: “Counties of Ireland”. Statoids. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2016.
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Abstract of the census of Ireland for the year 1841”. Online Historical Population Reports, Oilthigh Essex. Air a thogail 8mh dhen Dùbhlachd 2016.
  6. Ireland County High Points”. Peakbagger.com. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2016.
  7. Fo-aonaid de chuid: An Iarmhí/Westmeath”. logainm.ie. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2016.
  8. Map of Dioceses”. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2016.