Contae Ard Mhacha
Suidheachadh
Dùthaich Rìoghachd Aonaichte
Còigeamh Còigeamh Uladh
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,254 km²
Àireamh-shluaigh 127,700 ()
Dlùths 101.83/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Èirinn a Tuath a tha ann an Contae Ard Mhacha.[1] Tha e suidhichte ann an àirde an ear-thuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 127,700 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,254km²,[2] an 28mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 14mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Ard Mhacha le , An Dún, Tír Eoghain agus Muineachán.[3] Bha 235,309 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[4] 'S e Sliabh gCuillinn (550m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[5] Chaidh Comhairle Chontae Ard Macha a bhristeadh suas ann an 1973 is ùghdarrasan ionadail na bu lugha a chur na àite.[6] 'S ann à Macha (IPA: ˈmaxə),[7] ban-dhia nan each agus a' chogaidh a tha ainm na siorramachd.

Sgìrean Ionadail

deasaich

Tha seachd baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Ard Mhacha: Feá Íochtaracha, Feá Íochtaracha, Uí Nialláin an Ear, Uí Nialláin an Iar, Airthir, Tuath Threana agus Ard Mhacha fhèin. A bharrachd air sin, tha 29 parraistean[8] (ann an dà sgìreachd-easpaig: Drom Mór agus Ard Mhacha)[9] agus tòrr bailtean fearainn sa chontae.[10]

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Scoil Cronáin Naofa
  3. Scoil Cronáin Naofa
  4. Abstract of the census of Ireland for the year 1841”. Online Historical Population Reports, Oilthigh Essex. Air a thogail 8mh dhen Dùbhlachd 2016.
  5. Defra
  6. ULST
  7. Irish Facts
  8. Ancestry Ireland
  9. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann
  10. PRONI