Fosgail am prìomh chlàr-taice
Contae Mhuineacháin
Ireland location Monaghan.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Ireland.svg Èirinn
Còigeamh Flag of Ulster.svg Còigeamh Uladh
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,891 km²
Àireamh-shluaigh 60,483 ()
Dlùths 31.98/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Mhuineacháin[1] (tuiseal ainmneach: Muineachán,[2] Laideann: Comitatus Monaghanus). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 60,483 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,891km²,[3] an siathamh siorramachd as lugha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an ceathramh as lugha a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Mhuineacháin le Ard Mhacha, , Fear Manach, Cabháin, Tír Eoghain, agus an Mhí.[4] Bha 200,442 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Sliabh Beatha (370m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]

Sgìrean IonadailDeasaich

Tha còig baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Mhuineacháin: Críoch Mhúrn, Dartraighe, Fearnaigh, An Triúcha agus Muineachán fhèin. A bharrachd air sin, tha 23 parraistean[7] (san sgìreachd-easpaig Clochair)[8] agus 1,852 bailtean fearainn sa chontae.

BailteanDeasaich

IomraidheanDeasaich