Jo Swinson
'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Jo Swinson. Bha i na ceannard am Pàrtaidh Libearal Deamocratach ann an 2019 mus do chaill i a seat a-rithist.
Rugadh i ann an 1980 is thogadh i ann am Muileann-Ghaidh. Bha i na h-oileanach aig an LSE far an do dh'ionnsaich i manaidsireachd agus dh'obair i ann am margaideachd airson an stèisean-rèidio Viking FM ann an Hull.[1]
Sheas i ann an Kingston upon Hull an Ear ann 2001 agus bhuannaich i Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear ann an 2005 agus a-rithist ann an 2017 an dèidh dhi a seat a chall dhan Nàiseantach John Nicolson. Fhuair i freagairt aileirdsig ann an 2013 an dèidh do bhriosgaid ithe.[2] Sheas i mar thagraiche airson cheannardas na Lib Deamach an dèidh do Vince Cable ann an 2019 an aghaidh Ed Davey[3] agus bhuannaich i.[4] Chaill i a seat a-rithist ann an 2019 is Amy Callaghan ga buannachadh.[5]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Sylvester, Rachel: ““She’s quite formidable”: Jo Swinson may yet become leader of the Lib Dems”, Prospect Magazine. 14mh dhen t-Sultain 2017. Air a thogail 29mh dhen Ògmhios 2019.
- ↑ “MP with nut allergy almost dies after eating biscuit”, The Guardian. 6mh dhen Chèitean 2013. Air a thogail 29mh dhen Ògmhios 2019.
- ↑ “Jo Swinson confirms Liberal Democrat leadership bid”, BBC News. 31mh dhen Chèitean 2019. Air a thogail 29mh dhen Ògmhios 2019.
- ↑ “Lib Dems: Who is new leader Jo Swinson?”, BBC News. 22mh dhen Iuchar 2019. Air a thogail 2na dhen Lùnasdal 2019.
- ↑ “Dunbartonshire East parliamentary constituency”, BBC News. 13mh dhen Dùbhlachd 2019.
Paddy Ashdown (1988–99), Teàrlach Ceanadach (1999–2006), Menzies Campbell (2006–2007) Nick Clegg (2007–2015), Tim Farron (2015–2017), Vince Cable (2017–2019), Jo Swinson (2019–) |