Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba

Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba
Fiosrachadh
Stèidheachadh 3 Am Màrt 1988
Luchd-stèidheachaidh Pàrtaidh Libearalch na h-Alba
Pàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba[1]
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Libearalas na Margaidh
Feadaraileas
Libearalas
Aonachas
Libearalas Sòisealta
Oifisean 4 Clifton Terrace, Dùn Èideann, EH12 5DR, Alba
Cathraiche Alex Cole-Hamilton
Suidheachain Pàrlamaid na h-Alba: 4
Taigh nan Cumantan: 12
Taigh nam Morairean: 85
Riaghaltas Às an Riaghaltas

'S e earrann Albannach Pàrtaidh Libearal Deamocratach na Breatainne air fad a th’ann am Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (no am Pàrtaidh Libearalach Deamocratach[2]) (Beurla: Scottish Liberal Democrat Party, A' Bheurla Ghallda: Scots Leeberal Democrat Pairty) is chaidh am pàrtaidh seo a chruthachadh ann an 1988 tro aonadh a’ Phàrtaidh Libearal còmhla ris a’ Phàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba. Tha 4 seataichean dhe 129 air fad aca ann am Pàrlamaid na h-Alba, 4 dhe 59 seataichean Albannach ann an Taigh nan Cumantan agus 85 ann an Taigh nam Morairean.

Ged a tha iad an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba tha iad dhen bheachd gum bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba tuilleadh cumhachdan fhaighinn, gu seachd àraidh conaltradh, lùth, drogaichean agus casg-breith. Tha iad gu math neo-eisimeileach dhen phàrtaidh ann an Lunnainn.

Tiomnadh chumhachdan agus co-bhanntachd

deasaich

Bha am pàrtaidh an sàs anns an iomairt airson fèin-riaghlaidh ann an Alba, mar phàirt do prògram feadarail a’ phàirtidh do Bhreatainn air fad, is iad an sàs cuideachd ann an Co-chruinneachadh Bun-reachdail na h-Alba còmhla ris na Làbaraich, Pàrtaidh Uaine na h-Alba, aonaidhean-ciùird agus eaglaisean. Fhuair iad 17 seataichean ann am Pàrlamaid na h-Alba aig na taghaidhean Albannach ann an 1999 is stèidhich iad co-bhann leis na Làbaraich, airson atharrachadh ann an lagh taobh chaitheamh an fhoghlaim is mion-atharrachadh ann an siostam taghadh na h-Alba. Chaidh ceannard a’ Phàrtaidh, Seumas Uallas, na mhinistear an fhoghlaim ann an Alba agus na mhinistear a’ cheartais, a bharrachd air a bhith na phrìomh-mhinistear nuair a bha Dòmhnall Mac an Deòir tinn. Chaidh dreuchdan ministearan na co-bhanntachd air atharrachadh ri linn taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an 2003 is bha Uallas na mhinistear ghnothaich an uair sin. Leig Uallas a dreuchd air an 23mh latha dhen Ògmhios 2005 is chaidh Nicol MacStèaphain a thaghadh mar cheannard.

Anns an Dùbhlachd 2007 thug iadsan, na Làbaraich agus na Tòraidhean taic do choimisean airson tuilleadh fèin-riaghlaidh am broinn na Breatainne Mòire a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba. Bha na Nàiseantaich air Còmhradh Nàiseanta a chur air dòigh ro-làimh, nach chumadh neo-eisimeileachd na h-Alba a-mach co-dhiù.

Mar phàrtaidh dùbhlanachd

deasaich

Fhuair iad seataichean a bharrachd aig taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an 2007. Dhiùlt iad moladh bho na Nàiseantaich airson Riaghaltas co-bhonn a stèidheachadh leis a’ Phàrtaidh Uaine, oir bha iad an aghaidh referendum mu neo-eisimeileachd na h-Alba. Leig MacStèaphain a dreuchd air an dàrna latha dhen Iuchar 2008 is chaidh Tavish Scott a thaghadh mar cheannard na àite. Ann an 2011 lean Willie Rennie e mar cheannard. Ann an 2016 chaidh na Lib Deamaich nam pàrtaidh as lugha sa' Phàrlamaid, an dèidh do nan Uainean. Ann an 2021, chaill na Lib Deamaich inbhe pàrtaidh pàrlamaideach. Leig Willie Rennie dheth a dhreuchd mar stiùiriche air an 21 Iuchar, a' leantainn gu taghadh ceannardais. B 'e Alex Cole-Hamilton aon thagraiche a sheas agus mar sin chaidh a thaghadh.

Iomraidhean

deasaich
  1. Liberal History
  2. T.E.L.I. (2001) Faclair na Pàrlamaid (Dùn Èideann: Pàrlamaid na h-Alba)

Ceanglaichean a-muigh

deasaich