Malaig
Malaig | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Siorrachd Inbhir Nis |
Parraist | Gleann Eilg, Loch Abar |
Co-chomharran | 57° 0′ 5″ Tuath 5° 49′ 45″ Iar |
Comharradh-clèithe | NM675965 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 806[1] (2011) |
'S e baile iasgaich cudromach a th' ann am Malaig[2] (uaireannan agus Beurla: Mallaig) air taobh siar Mòrair, anns na Garbh Chrìochan. Ann an 2011 bha 806 duine a' fuireach an seo.[3]
Bho seo tha aiseagan a’ ruith a dh'Armadal anns an Eilean Sgitheanach, dha na h-Eileanan Muc, Eige, Rùm agus Canaigh, agus a dh'Inbhir Aoidh agus An Tairbeart ann an Cnòideart. Tha aiseag cuideachd a' dol a Bharraigh agus Uibhist a Deas. Tha stèisean-rèile ann am Malaig agus bidh trèanaichean à Glaschu air Rathad Iarainn nan Eilean[4] a' crìochnachadh an seo an dèidh do Mòrar.
Ann an 2001 bha 797 duine a' fuireach an seo, agus bha Gàidhlig aig 8.66% dhiubh.[5]
A rèir cunntas sluaigh ann an 2011 bha comas bruidhinn na Gàidhlige aig 102 duine a-mach a 777 neach ann am Malaig aig aois 3 is nas sine. A bharrachd air sin fhuaireadh a-mach gun robh 60 dhiubh a' cleachdadh na Gàidhlige aig an taigh.[6]
IomraidheanDeasaich
- ↑ Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2017.
- ↑ “Mallaig/Malaig”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 23mh dhen t-Sultain 2017.
- ↑ Scotland census 2011
- ↑ “Mallaig”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2017.
- ↑ Scrol 2001Teamplaid:Fix/category[dead link]
- ↑ Scotland census 2011
Ceanglaichean a-machDeasaich
- BBC Naidheachdan 2016-01-28: Bliadhna thrang an RNLI (aithris bhideo 2:32 air bàta-theasairginn Mhalaig)
- BBC Naidheachdan 2016-03-25: Malaig - Loch Baghasdail a’ tòiseachadh
- BBC Naidheachdan 2016-05-11: Trèana-smùid a' dèanamh air Malaig a-rithist (aithris-bhideo 2:34)
- BBC Naidheachdan 2016-08-25: Airgead dha amar-snàimh Mhalaig