Banbhaidh
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann am Bainbhidh no Banbhaidh (Beurla: Banavie).[1] Tha am baile suidhichte faisg air Seòlaid a' Ghlinne Mhòir mu 4 mìltean air falbh bho mheadhan baile a' Ghearasdain. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 51′ 0″ Tuath agus 5° 5′ 0″ Iar. Chìthear Beinn Nibheis bhon an seo.
Tha turasachd gu math cudromach airson gnìomhachas a’ bhaile, mar sin tha mòran taighean-òsta agus leabaidh is bracaist ann.
Tha stèisean aige, Stèisean Bhanbhaidh, a tha suidhichte air Rathad Iarainn nan Eilean.
Bha Comann na Camanachd stèidhichte an seo gus an do ghluais iad gu Inbhir Nis.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 16, Pàrlamaid na h-Alba
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NN 120 774