Is e Rathad-iarainn nan Eilean no Loidhne-réile Taobh Siar na Gàidhealtachd (Beurla: West Highland Line) a theirear ris an rathad-iarainn a tha a’ ceangal port iasgaich Malaig (air an Linne Shléiteach mu choinneimh an Eilein Sgitheanaich) ri baile mór Ghlaschu. Ma chuirear am pìos bhon Chrìon Làraich gu ruige an Òbain sa chunntas, tha faid 331km ann uile gu léir. Gu h-oifigeil, theirear “The West Highland Railway” ris a’ chiad phìos bho Ghobhalach-réile Chreag an Dobhrain gu ruige An Gearasdan, agus “The Mallaig Extension Railway” ris a’ phìos bhon Ghearasdan gu ruige Malaig. Thogadh an dà loidhne seo leis an North British Railway. Chaidh an loidhne eadar Creag an Dobhrain agus An Gearasdan fhosgladh ann an 1894. Chaidh an loidhne seo a bhòtadh ’na “turas réile as fhearr san domhan” le luchd-leughaidh na h-iris Wanderlust sa bhliadhna 2009 agus a-rithist ann an 2010.

Drochaid-slighe Ghleann Fhionghain air an loidhne gu Malaig

Anns a' chiad dol a-mach bha an cuid bu mhotha de na stèiseanan air an loidhne chun a' Ghearasdan sònraichte le àrd-làran inniseachd agus togalaichean an nós airidh Helbhitia.

B' e Rabairt Mac Albainn am prìomh chunnradair air na h-obraichean de Rathad-Iarainn a Mhalaig agus is ann air an rathad-iarainn sin a chaidh concrait mòr a chleachdadh mar phrìomh stuth-innlichidh nan drochaidean agus obraichean eile airson a chiad turas ann am Breatainn. Tha an tìr ana-dhoirbh airson rathaid-iarainn eadar an Gearasdan is Malaig mar a tha na feartan de 11 trannsaichean-talmhainn an astar 40 miltean agus claon-bhord riaghaltachd de 1 an 40 nan dearbhadh.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: